Gàidhlig / English
Uair a’ Ghille Chonnaich

Uair a’ Ghille Chonnaich

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 14mh den Fhaoilleach

Tha abairt na seachdaine a’ leantainn air an abairt bhon t-seachdain seo chaidh o chionn ‘s gun toir sinn iomradh aon uair eile air mar a tha na làithean a’ fàs nas fhaide. ’S ann bho na h-eileanan Ìle agus Uidhist a Deas a thàinig an abairt uair a’ ghille chonnaich. Tha e a’ toirt iomradh air a’ ghille a rachadh chun na cruaich mòine airson connadh a thogail. Bha na làithean na b’ fhaide agus, mar sin, bha an t-side a’ ceadachadh gum b’ urrainn dha gabhail air a shocair le bhith gan togail san fheasgair.

Bha abairt an seachdain seo chaidh a’ toirt iomradh air latha na Nollaig, ach ’s ann air Latha nan Trì Righean a thuiteadh uair a’ ghille chonnaich. Chaidh innse le neach labhairt ann an Loch Abar gur b’ ann air an 6mh latha den Fhaoilteach a bhios Fèill nan Trì Righean. ’S ann ann am Port Sgioba a chaidh innse do neach-clàraidh gur b’ àbhaist fèist na bliadhn’ ùire ga chumail air an 12mh latha. Bha an latha mu chairteal na h-uarach gu leth uair a thìde na b’ fhaide.

Chì sibh an seo gun robh eadar dhealachadh eadar an “Nullaig Bheag” agus an “Nullaig Mhór;” a rèir neach-labhairt ann an Àrnol, Eilean Leòdhais. A rèir-san, b’ e an darna tè an fhèill na bu mhotha.

Tha an Carmina Gadelica ag innse dhuinn gur e Diluain bannaig a th’ anns a’ chiad Diluain as dèidh na Nollaige Bige agus gur e Diluain sainnseil a th’ anns a’ chiad Diluain na Nollaige Mhòire.

Leughaidh sibh tuilleadh mu bhannag na Nollaige Mhòire an seo.

 

Nan cuala sibh riamh mun uair a’ ghille chonnaich, neo ma tha tuilleadh fiosrachaidh agaibh mu dheidhinn Latha nan Trì Righean air a’ Ghàidhealtachd, neo comharraidhean na Nollaig Mhòire, nach cuir sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo