Gàidhlig / English
Guilleag

Guilleag

Air a sgrìobhadh le Edit air 21 am Faoilleach 2016

Tha facal na seachdaine – guilleag – gu ìre mhath ceangailte ris an àm seo den bhliadhna cuideachd. ’S ann à Uibhist a Deas a tha am facal seo a’ tighinn agus a-rèir Faclan bhon t-Sluagh air làrach-lìn DASG tha e a’ toirt iomradh air fuaim coltach ri trombaid a bhios ealachan a’ dèanamh nuair a thig iad a dh’Alba bho Nirribhidh sa gheamhradh. 

Tha an tachartas sònraichte seo cuideachd air ainmeachadh ann an Gaelic Names of Beasts, Birds, Fishes, Insects, Reptiles etc. le A. R. Forbes (Dùn Èideann, 1905): an seo, tha e air a ràdh gur h-e fuaim gu h-àraid ceòlmhor a dhèanadh na h-ealachan ag an àm seo, agus gur h-e seo as adhbhar gu bheil iomradh air guilleag no guileag (ann an litreachadh nas cumanta) ann an iomadh òran, mar eisimpleir anns an òran thraidiseanta Òran na h-Eala.

Ged a tha guilleag/guileag mar as àbhaist a’ toirt iomradh air fuaim ealachan faodaidh e, a-rèir Faclair Dwelly, cuideachd a bhith air a chleachdadh airson èigheachd (a nì mac an duine!) san fharsaingeachd – an dà chuid le toileachas (‘shout of joy, exultation’) no bròn (‘wailing’). Tha am facal a’ nochdadh leis a’ chiall seo, agus cuideachd mar iomradh air fuaim nam pìob, anns a’ chorpas aig DASG. ’S e fuaim ealachan no eòin eile a' chiall as cumanta aig guileag a nochdas an seo cuideachd, ge-tà.

Ma tha sibh eòlach air ciall sam bith eile aig guilleag/guileag, no facal eile airson fuaim a nì eòin, nach toir sibh fios dhuinn air Facebook no Twitter

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo