Gàidhlig / English
Cois-ceum Coilich

Cois-ceum Coilich

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 7 am Faoilleach 2016

’S e aon de na rudan as fheàrr mun àm seo den bhliadhna gu bheil na làithean a’ fàs nas fhaide, beag air bheag. Ann an Uibhist a Deas agus na Hearadh, bhiodhte ag ràdh gun robh cois-cheum coilich air Latha na Bliadhna Ùir – leis gun robh am feasgar beagan nas fhaide, bhiodh an coileach a’ gabhail aon cheum a bharrachd leis na cearcan air falbh bhon taigh airson biadh.

Ann am Barraigh, ’s ann air Latha Nollaig a bha latha cois-cheum coilich – an seo, bha e a’ ciallachadh gum biodh an coileach a’ toirt na cearcan aon cheum a bharrachd air falbh bhon taigh air an 25mh latha den Dùbhlachd seach air an 22mh latha, air sgàth ’s gun robh na làithean a’ fàs nas fhaide.

Tha abairt ann an Carmina Gadelica; cois-cheum coilich agus a sgròban làn, a bhiodhte a’ cleachdadh nuair a bha rudeigin a’ tachairt gu slaodach is gu stàiteil.

An cuala sibhse mu dheidhinn cois-cheum coilich a-riamh? No am bi sibhse a’ gabhail cothrom rudeigin a bharrachd a dhèanamh feasgar, is na làithean a’ fàs nas fhaide beag air bheag? Nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo