Gàidhlig / English
Oidhche nan Trì Suipearan

Oidhche nan Trì Suipearan

Air a sgrìobhadh le Abi air 24 An Dùbhlachd

’S e Oidhche nan Trì Suipearan an abairt a th’ againn air an t-seachdain seo agus e a’ ciallachadh grian-stad a’ gheamhraidh, an oidhche as fhaide agus latha as giorra sa bhliadhna. Chaidh Oidhche nan Trì Suipearan a chruinneachadh ann an Sgìre Ùige, Eilean Leòdhais ann an 1972, agus chaidh Oidhche nan Seachd Suipearan a chruinneachadh san aon eilean cuideachd, ach ann an Àrnol.

The mòran thraidiseanan agus miotasan-eòlas air feadh an t-saoghail aig a bheil ceangal ri grian-stad a’ gheamhraidh, agus am bliadhna thachair e air Dimàirt 22ra den Dùbhlachd. Bha na Draoidhean a’ creidsinn gur h-e lus naomh san uil-ìoc, aig grian-stad a’ gheamhraidh, gheàrradh iad pìosan bho na craobhan. Tha sùgh-dharaich ainm eile a th’ air uil-ìoc sa Ghàidhlig. Smaoinich iad gun robh sùgh-dharaich a’ dèanamh dìon an aghaidh tàirneanach, droch aimsir agus olc sam bith eile.

Ghabhadh na Lochlannaich seanchas agus dh’òladh iad lionn ri taobh an teine aig an àm seo, agus chumadh na Ròmanaich fèilltean timcheall an àm seo cuideachd. Chuireadh na fireannach aodaich bhoireannach orra agus chuireadh na maighstirean aodaich orra mar sheirbheisichean!

Ma tha sibh eòlach air facal no abairt aig a bheil an aon chiall mar Oidhche nan Trì (no seachd) Suipearan no cuideachd, an do dh’ ith thu riamh tri no seachd suipearan air an oidhche seo, carson nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.

Nollaig Chridheil duibh uile agus Bliadhna Mhath Ùr nuair a thig i bho sgioba DASG!

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo