Gàidhlig / English
Sachdadh na Mara

Sachdadh na Mara

Air a sgrìobhadh le Kate air 10mh den Dùbhlachd 2015.

’S e abairt a th’ againn air an t-seachdain seo sachdadh na mara. Tha seo a’ tighinn bho fhreumh an fhacail sac; an tinneas sna sgamhain. Tha sinn air ar cluasan a chur ri diofar ghuthan na h-aibhne, ach chì sibh an seo gu bheil a’ mhuir a cheart cho bruidhneach!

Dh’fhaodte gun cluinneadh sibh crònan no nuallan na mara. ’S e corghlaich na mara a th’ ann an staid mhara a tha troimh-chèile. Dh’fhaodte, san staid sin, gum faiceadh sibh glumaradh a’ bualadh air chliathaich bhàta. Bhathar a’ cleachdadh an fhacail cireasail san Eilean Sgitheanach. Tha am facal seo a’ dealbhadh staid mhara, ach tha e a’ còrdadh riumsa gu mòr, a chionn is gur h-e “sniggering, giggling” no “contemptuous laugh” as ciall da. Tha am facal dùr-thuinn a’ cur gu mòr ris a’ bheachd seo. Stadaibh gus an smaoinich sibh air a’ chòmhradh eadar dùr-thuinn cireasail, diùmbach agus eathar beag a’ tulgadh agus a’ strì.

Nan robh sibh riamh an cois a’ chladaich, dh’fhaodte gun cluinneadh sibh ròcail fhad ’s a bhiodh na tuinn a’ gluasad aig beul na h-uamha. Tha am facal seo cuideachd a’ mìneachadh gaoir chruaidh gu domhainn nur sgòrnan, mar chasad. A thuilleadh air seo, thèid am facal seo a chleachdadh mar ghaoir bheothaich: “ròcail nam fitheach,” mar eisimpleir. Chaidh a mhìneachadh dhuinn anns a’ Chorpas. Bhon iris air a bheil an tiotal An Teachdaire Gaelach:

“Tha ròcail nan gilleacha-cràigean agus nan losgunn—sgreuchail na peucaige , lìonmhorachd nan damhan-alluidh a ‘streap ris na ballachan … na ‘n comharraidhean gu’ bheil an t-uisge dlùth.”

Ma tha sibh air guth na mara eile a chluinntinn, nach innis sibh dhuinn air Facebook no air Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo