Gàidhlig / English
Crumhagan

Crumhagan

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 3 an Dùbhlachd 2015

Leis cho fuar ’s a tha e gu bhith anns na mìosan a tha romhainn, a rèir coltais, tha sinn air measgachadh de dh’fhaclan a chuir ri chèile a bhios feumail ma nochdas ‘El Nino’.

Ann an Leòdhas, gu sònraichte ann an Nis agus Uig, bhiodh clann ag ràdh “Feuch an dèan thu crumhagan” (no cruimhean) air latha fuar, gus faighinn a-mach cò an neach a bu chruaidhe nam measg. Nuair a bha na làmhan aca air an lathadh, bhiodh iad a’ feuchainn ri bàrr nam meòir a tharraing ri chèile – rud nach biodh idir furasta! Bha cleachdadh coltach ri seo aca ann an Èirisgeigh, ach b’ e cruaidh a bh’ aca an àite crumhagan: “Ma nì thu cruaidh chan eil do làmh fuar.”

Bhiodhte a’ cleachdadh crumhagan ann an Leòdhas ann an seagh eile – airson biadh a thomhais, m.e. crumhagan min no crumhagan siùcair – coltach ri “pinch” ann am Beurla. Thàinig abairt gu math taitneach à Thiriodh, crumha-cait, far am biodhte a’ tarraing barran nam meòir ri chèile agus gan cuir air bòrd duslach airson cruth spòig a dhèanamh.

Tha taghadh math de dh’ fhaclan a tha a’ ciallachadh cràdh anns na corragan air sgàth an fhuachd – ann an Siorrachd Inbhir Nis, bha ionglach, englach, èulach agus èalaich aca agus bha pèileadh aca ann an Siorrachd Pheairt. Bhiodhte a’ cleachdadh an fhacail daingealaich (“tha daingealaich na mo làmhan”) anns an Eilean Sgitheanach nuair a bha an làmhan air an lathadh.

Tha sinn an dòchas gum bi miotagan oirbh uile tron gheamhradh agus nach bi feum agaibh air na faclan seo, ach ma bhios, nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo