Gàidhlig / English
Còmhla-bhigein

Còmhla-bhigein

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 26 an t-Samhain 2015

’S ann air ribeachan-eòin a tha sinn a’ toirt sùil an t-seachdain-sa, agus gu h-àraid air dà fhacal à Uibhist a Deas.

Bhiodhte a’ cleachdadh còmhla bhigeinean ann an Gearraidh na Monaidh: cho luath ’s a bhiodh eòin nan seasamh san àite cheart, rachadh ròp a tharraing agus thuiteadh seann doras (no rudeigin coltach ris) orra. ’S e dòigh gu math cruaidh a bh’ ann gus na h-eòin a ghlacadh ach, gu fortanach, bha dòigh na bu truacanta ann. A rèir faclair Dwelly, anns a bheil am facal còmhla-bhigein, rachadh sìol a’ chur air an talamh fo bhogsa, a bhiodh air àrdachadh air aon taobh le maide. Nuair a thòisicheadh na h-eòin ag ithe na sìl, bhiodhte a’ toirt a’ mhaide air falbh agus bhiodh na h-eòin air an glacadh, ach fhathast beò!

Tha facal eile, peinnteal (ribe-eòin a bha air a dhèanamh le gaoisid-eich), a tha a’ nochdadh gu tric, ach air a litreachadh ann an caochladh dhòighean: ann an Gearraidh na Monaidh, bha peindeal ann, agus is e peinteall a bh’ aca ann am Bornais. Ann am faclair Dwelly, tha peinnteal, painnteal agus bainndeal, agus chì sinn beinnteal / peinnteal ann an Carmina Gadelica.

Tha e inntineach fhaicinn gu bheil ceanglaichean aig an fhacal seo ri cànanan agus cultaran eile. Tha facal coltach ris, paintér/paintél, a’ nochdadh ann an Gàidhlig na h-Èireann (faic eDIL), agus tha paintér coltach ris an fhacal panter (‘clap-net, snare’) ann am Beurla o na Meadhan Aoisean. Ann an 1299 ann an Norwich, ’s e pantermaker a bh’ aca air cuideigin a bha a’ dèanamh ribeachan!

A rèir an Oxford English Dictionary, ’s ann as Laideann a tha freumhan an fhacail – panthera (‘fowling net’) – agus tha e a’ nochdadh cuideachd anns an t-Seann Fhraingis (pantière) agus Eadailtis (pantiera).

Ma tha sibh air còmhla-bhigein no peinnteal a chleachdadh a-riamh, nach biodh sibh cho math agus fios a chur thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo