Gàidhlig / English
Ceann-Snaidhm

Ceann-Snaidhm

Air a sgrìobhadh le Abi air 19 an t-Samhain 2015

Bha an t-seachdain seo a chaidh gu math fiadhaich agus gaothach, ach ma bha thu a’ toirt sùil air an adhar agus an sgòthan aig toiseach na seachdain, ’s dòcha gun robh fhios agaibh gun robh an stoirm “Abigail” air an rathad.

’S e Ceann-Snaidhm am facal a th’ againn air an t-seachdain seo agus tha Ceann Snamadh ann am Faclan bhon t-Sluagh air an làrach-lìn DASG cuideachd. Chaidh Ceann-Snaidhm a chruinneachadh ann an Eilean Leòdhais agus tha e a’ ciallachadh: ‘a cloud formation usually above the horizon. Strips of cloud coming together at one focal point. Could expect rain from this direction.’

’S e sgòth Cirrocumulus a th’ ann an Ceann-Snaidhm agus a-rèir Weather Online tha e a’ ciallachadh gum biodh tàirneanach ann san feasgar, agus ’s dòcha gum biodh an t-uisge ann cuideachd ann an 18 gu 36 uairean, (ach tha sinn furasda a ràdh ann an Alba!)

’S e ‘Breacan-rionnaichan t-ainm eile a tugadh air sgòthan Cirrocumulus, air sgàth ’s gu bheil e coltach ri luinn a gheibhear air rionnaich.

Chaidh Ceann snamadh a chruinneachadh ann an Eilean Leòdhais agus Uibhist  agus tha e a’ ciallachadh: ‘tree like cloud formation, indicating bad weather to follow.’ A-rèir fios air làrach-lìn DASG, tha a’ mhòr-chuid de na sgòthan a’ ciallachadh gum biodh droch aimsir air fàire.

Tha sinn an dòchas gun robh a h-uile duine sàbhailte an dèidh stoirm ‘Abair Gèile’ agus ma tha sibh eòlach air faclan airson sgòthan eile, mar is àbhaist, nach biodh sibh cho math agus fios a chur thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo