- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Sgoldrach
’S e sgoldrach am facal a th’ againn air an t-seachdain seo agus e a’ ciallachadh ‘a Medusa, kind of jellyfish.’ Chaidh am facal seo, a tha a’ nochdadh ann am Faclan bhon t-Sluagh, a chruinneachadh ann an Cinn Tìre ann an Earra-Ghàidheal.
Tha am facal sgeoldair, a’ ciallachadh ‘jellyfish’, ri fhaighinn ann am faclair Dwelly – tha e follaiseach gur h-e cruth eile a tha seo air an aon fhacal agus tha e coltach gu bheil e nas cumanta.
Tha e coltach gur h-ann bhon fhacal Seann-Lochlannach skjöldur, skjöld, ‘a shield’ a tha sgoldrach/sgeoldair a’ tighinn agus mar sin buinidh am facal do bhuidheann de dh’fhaclan aig a bheil ceangal ris a’ mhuir agus ’s iad a thàinig don Ghàidhlig bho na Lochlannaich – faclan airson beathaichean eile mar sgarbh ‘cormorant,’ agus faclan eile mar sgeir agus acarsaid.
Gu h-annasach, ged a tha am facal skjöld fhathast air a chleachdadh airson ‘shield’ anns na cànanan Lochlannach gus an latha an-diugh, chan eil e a’ nochdadh ann am facal sam bith airson ‘jellyfish.’ Tha am facal a’ nochdadh, ge-tà, ann an sköldpadda, am facal Suainis airson sligeanach (tortoise).
Ma tha sibh eòlach air facal no abairt aig a bheil an aon chiall, nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo