Gàidhlig / English
Coire Blianan

Coire Blianan

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 5mh den t-Samhain 2015.

Ma bhios sibh a-mach air a’ mhuir oidhche chiùin, shoilleir le làn-ghealach a’ deàrrsadh, cumaibh ur sùilean a-mach airson a’ choire blianan air bhàrr an uisge. Tha mi an làn dòchais gum faic sibh e co-dhiù aon turas nur beatha. Chunna mise a’ choire bliannan dà thuras nuair a bha mi sa chanù àiteigin faisg air Loch Àlainn; agus turas eile agus ’s mi a bha a’ snàmh sa mhuir as t-oidhche. Chan fhaic sibh buileach cho soilleir e gus an cuir sibh ur làmh san uisge air neo gus an slaod sibh ràmh air ur cùlaibh. ’S ann glè choltach ri lannan èisg a tha iad. Èiridh e san t-sruth, cuiridh iad car agus bidh iad a’ deàrrsadh geal gus an tèid e a-mach às an t-sealladh dìreach mar a nochd e. ’S e sealladh iongantach, àraid a th’ ann gun teagamh. Dè as coireach ris an lainnir seo air a’ mhuir? Bidh an fheamainn cho math ri meanbh-bheathaichean eile, a’ cur a-mach solas na grèine agus na gealaich a shluig iad. Bidh e a’ tighinn am follais dhuinn mar bhoillsgeadh geal nuair a chuireas rudeigin dragh orra.

Chaidh am facal coire blianan a chlàradh ann an Èirisgeigh ach ’s e teine-sionnachain am facal th’ agam-sa airson seo. Chì sibh ann am Facal bho ’n t-Sluagh gu bheil teine-biorach ann agus teine-gealain. Tha seo a’ dealbhachadh dhuibh an aon t-seòrsa solais a tha ri fhaicinn air machraichean agus air dromannan sprèidhe air oidhcheannan mar seo.

Tha iomadh facal eile ri lorg airson an dearbh rud seo:  coinnle Breacain (à Srath Glais), coille blianain, lasadh mara, teine a’ mhadaidh. Dh' innis fear à Cinntire mar a bhios a' choire blianan a' cur an sgadain an céill: "Gheobh sinn iad 'san losgadh." ’S e teine sinnaig a theirte ri lainnir air fiodh air a lobhadh.

Lorgaidh sibh ciall eile den fhaclan teine sionnachain ann an Carmina Gadelica. Tha e coltach, ma-thà, nach ann a-mhàin tron oidhche a chìthear a leithid. Thathar ag ràdh gu bheil e ri fhaicinn air laithean soilleir, grianach air a’ chathadh fairge: air bhàrr nan tonn.

A rèir coltais, bho na leughas sibh sa chorpas, gu bheil buintealas eadar freumh an fhacail seo sionn agus an saoghal eile. Ann an Carmina Gadelica, tha MacGilleMhìcheil a’ dèanamh ceangal eadar na faclan; siann, siannt, sianta; a’ ciallachadh naomh, draoidheil. Thathar ag innse dhuinn cuideachd ann an Carmina Gadelica gu bheil sionn a’ ciallachadh do-fhaicsinneach, draoidheil. Chì sibh sa chorpas gur h-ann bho na sìthichean a thàinig saighead sionn agus gheibh sibh tuilleadh an seo mu dheidhinn am bodha sionn.

Seo facal eile dhuibh airson sòlas nàdarrach àraid eile: tha caoirean a’ ciallachadh “fiery shimmer” agus abair dealbh a chuireas an cèill leis na briathran seo, bho Laoidhean agus Dain :

’S binn caoirean nan caochan ’an aonach nam beann,

’N uair tha ’n latha a’ sgaoileadh air aodan nan gleann;

’S binn osna na gaoithe, ’s gur aobhach a toirm

Air ciùineach’ do ’n doininn, ’s air cadal do ’n stoirm.

 

Ma tha gin de na faclan seo agaibh airson coire blianan, neo ma tha sibh air a leithid fhaicinn, cho iongantach ‘s a tha e, nach cuir sibh fios thugainn air Facebook neo air Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo