Gàidhlig / English
Gathan Gainnisg

Gathan Gainnisg

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 29 an Dàmhair 2015

Tha sinn air leth toilichte gu bheil blog DASG air a bhith a’ dol a-nis airson bliadhna agus bu mhath leinn taing mhòr a thoirt do na leughadairean againn a bhios a’ cur fhreagairtean agus bheachdan thugainn tro na meadhanan soisealta. An uiridh, ‘s e pollag na Samhna a’ chiad abairt againn agus an t-seachdain-sa, tha sinn a’ toirt sùil air facal eile aig a bheil ceangal ri Oidhche Shamhna.

Thàinig am facal gathan gainnisg às an Eilean Sgitheanach agus à Uibhist a Deas agus ’s e seisg (sedge) a th’ ann bh’ air a thiormachadh agus a bhiodhte a’ cleachdadh mar lòchran air Oidhche Shamhna. A rèir coltais, san Eilean Sgitheanach, bhiodh ‘gillean na Samhna’ (Halloween boys) a’ sadadh nan gathan gainnisg air a chèile is iad ag ràdh “Mo shaighead air do shaighead-sa”. Nan dèanadh iad seo, cha dèanadh na sìthichean cron orra tron bhliadhna.

Tha gathan gainnisg a-measg iomadh cleachdadh eile ann an Alba agus Èirinn far am biodhte a’ losgadh feòir no mòna air Oidhche Shamhna airson droch spioradan a chumail air falbh. Tha Tormod MacLeòid a’ sgrìobhadh mu dheidhinn cleachdadh eile ann an Leabhar nan Cnoc:

Bha e mar fhiachaibh air muinntir na tìre air fad air oidhche Shamhna gach teine a chur as gu buileach, agus teachd a dh’ionnsuidh nan Druidh a dh’ iarraidh èibhle-bheothachaidh o’n teine naomh a bha air a lasadh agus air a choisrigeadh leò-san.

(tha tuilleadh ri leughadh an seo (td.280))

Ma tha sibh eòlach air cleachdaidhean eile coltach ri seo ann an dùthaich no cultar sam bith, nach innse sibh dhuinn mun deidhinn air Facebook no Twitter?

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo