Gàidhlig / English
Caoran-mhiagan

Caoran-mhiagan

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 22 an Dàmhair 2015

Ma tha sibh air a bhith mun cuairt anns an t-sìde bhrèagha a tha air a bhith ann as t-fhoghar seo, is dòcha gu bheil sibh air caoran-mhiagan fhaicinn. Is iad smeuran a bhios a’ fàs air bàrr fraoich aig an àm seo den bhliadhna a ghabhas ithe (‘stone brambles’ sa Bheurla), a rèir neach-labhairt à Gearradh na Monaidh, ann an Uibhist a Deas. Bha facal eile airson smeuran a bhiodh a’ fàs a-measg fraoich air a thoirt seachad le luchd-labhairt ann an Eilean Leòdhais cho math ris na Hearadh: curra-mhidheag no corra-mhidheag. Tha corra-mheagan ann an Dwelly, ach is e ‘bilberry’ no ‘whortleberry’ a bu chiallta anns an fhaclair sin.

Thàinig ainm eile airson na smeura seo bho Ghearradh na Monaidh: corraiche fiach. Is dòcha gu bheil fiach an seo ceangailte ri ‘fiacal’ no ‘geur-fhiaclach’, leis gu bheil tòrr bioran beaga air na lusan a tha seo.

Anns an leabhar air a bheil an tiotal Gaelic Names of Plants le Iain Camshron, is e sùbh nam ban-sìthe an th’ air an smeur seo – ainm air leth tarraingeach! Tha seo a’ nochdadh ann an Dwelly cuideachd, ri taobh sùbh nam ban-mìn agus caora bada-miann. Tha an t-ainm seo a’ nochdadh ann an leabhar Chamshroin cuideachd, leis a’ mhìneachadh: ‘the berry of the desirable cluster.’

Gun teagamh sam bith, bhiodh na smeuran dearga seo a’ coimhead air leth tarraingeach as t-fhoghar. Ma tha sibh air am faicinn, no ma tha sibh eòlach air ainmean eile air an son, nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo