Gàidhlig / English
Te-shrianach

Te-shrianach

Air a sgrìobhadh le Abi air 15 An Dàmhair 2015

Tha sinn a’ toirt sùil air geamannan air an t-seachdain seo agus ’s e te-shrianach am facal a th’ againn. Bha te-shrianach air a chluich air a’ mhachair. Chomharraicheadh gach cluicheadair ceàrnach na fòid rompa, agus gheàrradh iad an ceàrnach gu “strianagan.” Chuireadh iad maide an uair sin anns an talamh pios air falbh bhuapa agus dh’fheucheadh gach cluicheadair ga bhualadh le clach. Mura bhuaileadh cuideigin am maide, chailleadh iad aon de na “strianagan.” Bha an geama air a cluich gus nach robh “strianagan” air fhàgail ach aig an duine a thug am bàrr air an fheadhainn eile. Chaidh an geama seo a chruinneachadh ann an Suainebost, Eilean Leòdhais, mun bhliadhna1972.

Ann an leabhar air a bheil an tiotal Empire Games: The British Invention of Twentieth Century Sport, sgrìobh Roger Hutchinson mu Frederick Rea, a bha na chiad cheannard-sgoile Caitligeach ann an Uibhist a Deas ri linn an Ath-Leasachaidh. Thàinig Rea a dh’Uibhist a Deas ann an 1889 agus chuir Hutchinson air shùilean dhuinn gun robh ‘an antique repertoire of sports and recreations’ anns an eilean, a leithid cluich an tighe, speilean, spidean agus propataireachd. Sgrìobh e cuideachd gun robh na caileagan measail air dannsa agus gun robh caireachd a’ còrdadh ris na balaich.

[Meinander, Henrik, The Nordic World: Sport in Society, London, 1998]

A bheil stiùiridhean agaibh airson nan geamannan seo? No stiùiridhean airson geama sam bith a bha ga chluich nuair a bha sibh òg? Bhitheamaid uamhasach toilichte gan cluinntinn. Nach biodh sibh cho math agus fios a cur thugainn air Facebook no Twitter?

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo