Gàidhlig / English
Blineas

Blineas

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 8 an Dàmhair 2015

Tha cuspair gu math aotrom againn air an t-seachdain-sa: faclan aig a bheil ceangail ri fiamh-ghàire.

Chaidh am facal blineas (‘silly grin’) a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas, far am biodhte ag ràdh ‘Bha blineas air.’ Bha facal coltach ri blineas air a thoirt seachad le neach-labhairt eile bhon aon àite: plinn, a tha a’ ciallachadh ‘wide grin.’

A rèir an Urr. Aonghas Dòmhnallach a bhuineadh do Bheinn na Faoghla, agus  a bha na mhinistear ann an Cill Iùrnain, Siorrachd Rois, a sgrìobh eachdraidh mu dheidhinn Uibhist a Deas, bha blineas a’ ciallachadh ‘soft sawder,’ no brosgal. Nach inntinneach gur e braoisg, a tha gu math coltach ris an fhacail brosgal, am facal Gàidhlig as bitheanta a thèid a chleachdadh airson ‘grin.’

Bha facal eile ann an Uibhist a Deas, smuig, a bha, a rèir an neach-labhairt, a’ ciallachadh ‘mischievous grin,’ ach a tha gu bitheanta air a chleachdadh airson ‘snout.’ Is dòcha gur h-ann bhon fhacal Beurla ‘smug’ a tha smuig a’ tighinn anns an t-seagh seo.

Ma tha blineas, braoisg no smuig air a bhith oirbh o chionn ghoirid, nach innsibh dhuinn carson air Facebook no Twitter!

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo