- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Cachaileith / Cachalaidh
’S e facal na seachdain-sa ‘cachaileith’ (cuideachd air a litreachadh ‘cach(a)laidh’, ‘cachaileadh’, ‘cachaileigh’ neo ‘cachaillaidh’), facal a tha a’ ciallachadh ‘geata’, gu h-àraidh air cuidhe, neo eadar am baile ’s am machaire. (Dwelly: “cachaileith -e, -ean, sf Gate, rustic gate. 2 Temporary breach made in a park wall as a thoroughfare for carts or cattle. 3 Hurdle. 4 Sticks or bars individually moveable to close a breach.”)
Air a chruinneachadh ann an tasglann ‘Faclan bhon t-Sluagh’, ’s e earrann air a leagail (neo air fhàgail) a-mach à balla a bh’ ann an cachaillaidh, far am b’ urrainn crodh faighinn troimhe, le maide cachaillaidh a’ dol tarsuinn.
Cuideachd, chaidh an abairt fear-cachalaidh a chruinneachadh ann an Uibhist a Tuath, a’ ciallachadh fear a bha fuireach faisg air cachalaidh a’ bhaile, airson dèanamh cinnteach gum fanadh an crodh san àite cheart.
Bha am facal an uair sin air a chleachdadh airson geata sam bith, agus chithear seo bhon 19mh linn. Chleachd Tormod MacLeòid (Caraid nan Gàidheal) ‘cachaileadh mhòr na cìs’ airson ‘turnpike’ neo ‘toll-gate’ anns an eadar-theangachadh a rinn e den dàn èibhinn Beurla ‘John Gilpin’ le Uilleam Cowper:
’S a rithist dh’ fhosgail e gu luath Cachaileadh mhòr na cìs’; Oir shaoil na daoine, mar air tùs, Gun robh e ruith na réis. |
And now the turnpike gates again Flew open in short space; The toll-men thinking, as before, That Gilpin rode a race. |
’S dòcha gun tàinig am facal bho cacha leith (de gach leth/taobh), agus tha Roibeard Ó Maolalaidh a’ deanamh iomradh air seo anns an alt ‘Gaelic Gach Uile / A h-Uile and the Genitive of Time’ ann an Éigse: A Journal of Irish Studies 38 (2013), t.d. 49.
Tha am facal ‘cach(a)laidh’ / ‘cachaileith’ an-diugh ri fhaicinn ann an ainmean-àite air feadh na Gàidhealtachd, le ‘Cachlaidh Mhòr’ ann an Ìle, ‘Cachlaidh Ruadh’ air Eilean nam Muc, ‘Loch na Cachlaidh’ anns na Hearadh, ‘Allt na Cachaileith' ann an Siorrachd Pheairt, agus ‘Cachaileith Airidh Shomhairle’ ann an Slèite.
An cuala tu cleachdadh sam bith eile airson am facal ‘cachaileith’? Carson nach cuir thu fios thugainn aig @DASG_Glaschu / facebook.com/DasgGlaschu.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo