- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Gruidheam
An t-seachdain seo ’s ann air biadh air a bheil sinn a’ bruidhinn. Mura cuala sibh air gruidheam ’s dòcha gu bheil sibh air rud car coltach ris fheuchainn ann am marag dhubh. Nuair a thigeadh na beathaichean air ais dhachaigh bha iad gu math fallain agus bhiodh daoine, aig an aon àm, a‘ toirt beagan fuil bhuapa gus gruidheam a dhèanamh. Bha an fhuil a bha seo air a ghoil agus air a shailleadh ann an soitheach agus bha e an uair sin air fhàgail gu aon taobh airson aindeal geamhraidh. Nuair a bha feum air an uairsin bha e air a chuir ann am poit le uinnean agus blonag agus thigeadh ithe le aran, coltach ri marag dhubh.
Anns an leabhar air a bheil an tiotal Aig Tigh na Beinne (1911) le Katherine White Grant, tha duine ann a thug iomradh air mar a bhiodh gruidheam aca. Chì sibh seo air làrach-lìn DASG
A bheil cuimhne agaibhse air a bhith ag ithe no a dèanamh gruidheam? Innsibh dhuinn air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo