- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
An Glutadh
Ma tha sibh am beachd taigh a thogail san àm ri teachd, ’s dòcha gum bi facal na seachdain-sa feumail dhuibh: an glutadh, gainmheach no talamh a bhiodhte a’ cur eadar dà bhalla, mar a tha Ailean Boyd a’ mìneachadh anns an leabhar aige, Seann Taighean Tirisdeach (1986), a tha ann an Corpus na Gàidhlig:
Bha an taigh air a thogail le dà bhalla-cloiche (am balla-staigh agus am balla-mach) a bha suidhichte eadar dà throigh agus trì troighean o chèile, agus a ' ruith còmhla.
Bha na bha eatarra air a lìonadh gu teann le gainmhich no le talamh am broinn a’ bhalla fhèin , agus ' s e an glutadh a theirte ris a seo.
Chaidh am facal a chruinneachadh airson ‘Faclan Bhon t-Sluagh’ ann an Leòdhas agus Barraigh, agus thug an neach-labhairt ann am Barraigh seachad tòimhseachan a tha ceangailte ris:
Chan eil e muigh ’s chan eil e stigh ’s cha tig an taigh às aonais.
Bha neach-labhairt eile ann an Leòdhas a bhiodh a’ cleachdadh glutradh anns an t-seagh seo, agus bha glutadh a’ ciallachadh ‘sediment in a drain.. Bha litreachadh eile aca ann am Beàrnaraigh na Hearadh cuideachd: glutranadh.
A rèir faclair mòr Dwelly, tha an glutadh a’ tighinn bho glut-lìonadh agus is e gnìomhar a th’ ann cuideachd: a’ glutadh neo a’ glut-lìonadh. Tha glutadh cuideachd a’ ciallachadh ‘eating to excess’ neo ‘gulping noisily,’ is e ceangailte ris an fhacal Bheurla ‘gluttony.’
An do chleachd sibh an glutadh a-riamh ann an togalach sam bith? Nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo