- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Na Luinn
Gu mi-fhortanach, chan eil ach latha no dhà teth air a bhith againn as t-samhradh seo fhathast ann an Alba, ach mas e agus gum bi an aimsir beagan nas fheàrr san Lùnasdal, is dòcha gum bith cothrom againn facal na seachdain-sa a chleachdadh, na luinn. ‘S ann ann an Uibhist a Deas a chaidh am facal àlainn seo a chruinneachadh, is e a’ ciallachadh “shimmering, glitter-like appearance in grass during an especially hot summer.”
Thàinig dà fhacal coltach ri na luinn à Leòdhas: na luin, leis a’ mhìneachadh “shimmer seen on the horizon on a hot day” agus lòinne, a tha a’ ciallachadh “heat shimmer.”
Tha e inntinneach nach eil na faclan seo a’ nochdadh leis an aon mhìneachadh ann am faclair Dwelly – ‘s e coileach-teas no criththeas a th’ aige airson “shimmering effect on a hot day.”
Tha am facal lonn ann ged-thà, airson “high swelling of the sea, surge”. Chìthear am facal luinn air a chleachdadh anns an seagh seo ann an Carmina Gadelica, ann an rann ‘Heire, Bannag’:
Chi mi ainghlean air an luinn,
Tighinn le cimh us cairdeas duinn.
Ma tha sibh air na luinn, na luin no lòinne a chleachdadh a-riamh air latha teth, bhiodh ùidh againn chluinntinn bhuaibh tro Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo