- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Driùchcainn
Is cinnteach gum bi mòran dhuibh air cothrom fhaighinn beagan ghrèine a ghabhail thairis air an t-samhradh – ann an Alba no nas fhaide air falbh. Ma tha sibh air a bhith fortanach gu leòr a bhith air an tràigh am bliadhna, is dòcha gum bi feum agaibh air an fhacal air a bheil sinn a’ toirt sùil an t-seachdain-sa, driùchcainn.
Chaidh am facal a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas, is tha e a’ ciallachadh ‘chaffing between the toes caused by walking barefoot in warm sand.’ A rèir coltais, rachadh an rùsgadh seo a chur ceart le bhith a’ cur pìosan clòimhe eadar na h-òrdagan.
Ann an Uibhist a Tuath, is e driuchgainn am facal a bh’ aca airson ‘blisters between your toes as a result of walking on crop stubble,’ agus thàinig am facal driùcan à Leòdhas, leis a’ mhìneachadh ‘hacks under the joints of the toes caused by going barefoot.’ Ann am faclair Dwelly, tha driùcan a’ ciallachadh ‘incision under one of the toes.’
Tha e soilleir gu bheil trioblaidean leis na h-òrdagan a chaidh adhabharachadh le bhith a’ coiseachd casruisgte gu math cumanta – tha faclan eile air an son a’ nochdadh ann am Faclan Bhon t-Sluagh cuideachd. Bha bruichealachd ann an Uibhist a Deas airson ‘chaffing between the toes caused by sweating,’ agus thàinig buille-thuig à Leòdhas, is e a’ ciallachadh ‘small injury to the toes when going barefoot.’
Tha sinn an dòchas nach tèid ur n-òrdagan a ghoirteachadh idir ma tha sibh air an tràigh as t-sàmhradh seo, ach ma thèid, cùm pìosan clòimhe ri làimh airson a chur eatorra!
Ma tha sibh eòlach air leigheasan eile airson driùchcainn, nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo