Gàidhlig / English
Speilean

Speilean

Air a sgrìobhadh le Shona air Diardaoin 25mh An Ògmhios 2015

’S e ‘speilean’ facal na seachdain-sa, geama a tha coltach ri ‘cat and bat’ no ‘rounders’.

Airson geama speilean a chluich, tha dà sgioba a’ cluich, aon dhiubh a’ bualadh agus sgioba eile a’ glacadh. Thathar a’ cur toll sa ghrunnd agus bidh speil (pìos fiodh) ga chur ann, le ball air (faicibh an dealbh). Tha a’ chiad neach-bualaidh a’ cur a chas sìos air taobh eile na speile, agus fhad ’s a tha am ball san adhar bualaidh e e cho fada ’s as urrainn. Bidh an sgioba-glacaidh a’ feuchainn ris a’ bhall a ghlacadh gus an neach-bualaidh a chur a-mach às a’ gheama. Mura glac iad e, bidh iad ga caitheamh, a’ feuchainn am ball a chur anns an toll no aon fhaide na speile faisg air an toll, agus bidh seo a’ cur an neach-bualaidh a-mach às a’ gheama. Mura faigh an sgioba-glacaidh an neach-bualaidh a-mach, cumaidh iad a’ dol gus an cur iad a-mach às a’ gheama e, agus thig an ath neach-bualaidh airson cluich. Cumaidh iad a’ dol leis a’ gheama gus an ruig aon sgioba 100 puingean, no gun ruith iad a-mach à luchd-bualaidh. Mura faigh iad 100 puingean mus ruith iad a-mach à cluicheadairean, bidh an sgioba-glacaidh a’ gabhail thairis am bualadh ’s an sgioba-bualaidh a’ glacadh. Mura faigh sgioba sam bith 100 puingean, bidh an sgioba le na puingean as àirde a’ buannachadh.

Ann am ‘Faclan Bhon t-Sluaigh’ DASG, tha daoine às an Eilean Sgitheanach, Na Hearadh agus Eilean Leòdhais a’ dèanamh iomradh air speilean. Ann an Eilean Leòdhais ’s e speilipan ainm a’ gheama, agus ’s e an neach seo a rinn an dealbh a chì sibh air coltas a’ gheama. Tha speilean cuideachd a’ nochdadh ann am Faclair Dwelly, agus ga ainmeachadh mar gheama Uibhisteach.

A bheil sibh riamh air geama speilean’ a chluich? No dè na geamannan eile a tha a’ còrdadh ribh? Cuir fios thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo