Gàidhlig / English
Corra-Biodh

Corra-Biodh

Air a sgrìobhadh le Abi air 2 An t-Iuchar 2015

Mun bhliadhna 1975 bha liosta de dh’fhaclan a chruinneachadh ann an Sgalpaigh na Hearadh dhe dòighean diofraite airson a bhith coiseachd, a bhith suidhe agus a bhith laighe. Is ann air an liosta sin a thàinig am facal a th’ againn an t-seachdainn-sa, corra-biodh no air a chorra-bid.

Tha am facal corra-biodh anns am fhaclair mhòr Dwelly ri iomadh mìneachaidhean diofraite:

‘-a, sm Certain posture of standing or cowering, which prepares the person assuming it for an instant start or spring. 2 (with air — air corra-biod) Tiptoe. 3 Watchfulness. 4 Impatience. 5 Niceness, fastidiousness. 6 Anxiety to find fault. 7†† gives corra-bioda].’

Chaidh am facal corra bhùthag a chruinneachadh ann an Gearraidh na Mònadh, Uibhist a Deas, agus bha am facal ga litreachadh mar cor a bhiod ann an Loch Abar. Bha Bonnan-cnàmh a chruinneachadh ann an Barbhas Iarach ann an Eilean Leòdhais agus ga mhìneachadh mar:

‘“Bha e na sheasamh air a’ bhonnan-cnàmh.” Note: he was standing on his heels as opposed to “air a’ chorra-biod” – on tiptoe.’

Air an liosta a thàinig à Sgalpaigh, tha coiseachd spàgaire [a splay-footed walk], coiseachd slaodach [a drawling walk], coiseachd aotram [light walk] agus a’ coiseachd cho stopach [straight and perpendicular (army fashion)] ann cuideachd.

A bheil faclan inntinneach agaibh airson a bhith coiseachd air a chorra-bid no airson coiseachd sam bith? Cuiribh fios thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo