- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Cùirtean, Cùisean-lagha agus Ceartas
Mar a tha fios aig a h-uile mac màthar agus a h-uile nighean athar, chan ionann Cùirt an
Lagha agus Cùirt a’ Cheartais. Thar nan linntean, tha iomadh cùis-lagha iomraiteach air a
bhith ann far nach robh a’ chòir air a cumail.¹ Bho na cùisean-lagha aig Ìosa Crìosd agus
‘Seumas a’ Ghlinne’ chun na feadhna aig Alfred Dreyfus, Rubin ‘Hurricane’ Carter agus
mòran dhaoine neoichiontach eile, tha eisimpleirean gun àireamh air an clàrachadh de
bhreithean mì-cheart gan toirt anns na cùirtean-lagha.
A rèir an t-seanfhacail, “is cuagach ceartas an eucoraich”;² agus, gu mì-fhortanach, bho àm
gu àm thar nan linntean, cha robh na britheamhan fhèin an-còmhnaidh ceart agus urramach
ann a bhith a’ toirt breith. Ann an cùisean den leithid seo, a rèir seanfhacail sheasmhaich eile,
“is fheàrr caraid sa chùirt na crùn san sporan”.³ Tha sin ri ràdh, nam feumte airgead a
thoirt dhan bhritheamh gus breith cheart fhaighinn bhon chùirt agus nam biodh airgead gu
leòr aig an duine a bha fo chasaid, bhiodh e na b’ fheàrr dhan duine seo brìb a thoirt dhan
bhritheamh na bhith a’ glèidheadh an airgid aige agus a’ call sa chùirt. “Is cam ’s is dìreach
a thig an lagh”,⁴ bithear ag ràdh; agus, gu follaiseach, “bu cham ’s bu dhìreach a thàinig an
lagh” bho na britheamhan aig amannan anns na linntean a dh’fhalbh.
Ach dè mu dheidhinn chùisean san latha an-diugh? Am bi a’ chòir an-còmhnaidh air a
cumail ann an cùirtean na h-Alba agus cùirtean na Rìoghachd Aonaichte? Uill, a-rithist gu
mì-fhortanach, cha bhi. Ged a tha buidheann de chùirtean againn a bhios a’ dèiligeadh ri
cùisean-lagha aig ìrean eadar-dhealaichte (a’ gabhail a-steach Cùirt an t-Siorraim; na h-Àrd-
Chùirte; Cùirt an t-Seisein; agus na Prìomh Chùirte) agus a’ toirt chothroman ath-thagradh a
dhèanamh an aghaidh cha mhòr a h-uile breith, chan ann anns a h-uile cùis a bhios a’ chòir
air a cumail. Le sin a ràdh, leis gu bheil an dà chuid buidhnean eile ann a bhios an sàs ann an
obair an aghaidh ana-ceartais ann an siostam a’ cheartais (leithid Coimisean Ath-Sgrùdaidh
Cùisean Eucoir na h-Alba) agus cùirtean ioma-nàiseanta ann (leithid Cùirt Eòrpach nan
Còraichean Daonna) a bhios a’ cluinntinn ath-thagraidhean an aghaidh bhreithean bho na
cùirtean nàiseanta, chan eil uiread de dh’ana-ceartas mun cuairt san latha an-diugh ’s a bha
anns na linntean a dh’fhalbh. Uill, thathar an dòchas nach eil, co-dhiù!
* Nòtaichean ¹, ², ³ & ⁴: thoiribh sùil air ‘Corpas na Gàidhlig’ am broinn na làraich-lìn aig
DASG.





Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo