Gàidhlig / English
Far-ainmeam Bhailtean Ionadail (Pàirt 7) – Apainn, Latharna, Cnapadal, Creiginis agus Loch Obha

Far-ainmeam Bhailtean Ionadail (Pàirt 7) – Apainn, Latharna, Cnapadal, Creiginis agus Loch Obha

Air a sgrìobhadh le Calum air 7mh Am Màrt, 2024
Bheir sinn sùil air far-ainmean (no frith-ainmean) air sgìrean agus bailtean dùthchail ann an Apainn, Latharna, Cnapadal, Creiginis agus Loch Obha.
 
Apainn
B’ ann leis na Stiùbhartaich Apainn a bha an dùthaich seo, mar sin, cuimhnicheas an sgìre leis na gnàthasan-cainnt “Apainn nan Stiùbhartach” agus “Apainn Mhic Iain Stiùbhairt” chun an latha an-diugh. A bharrachd orra canar gur e “cearcan-tomain Apainn” a th’ anns na h-Apainnich. Ann an Apainn fhèin cluinnidh sibh am far-ainm “Clòbhair Ach nan Darach”, faisg air Dùrar. ’S e “na h-Othaisgean Lios Mòr” a th’ aig muinntir an eilein. Tha seanchas an sàs leis an fhar-ainm seo. A rèir seanchais, bha aig muinntir an eilein ris am màl a phàigheadh an an Òban agus mar sin theidheadh iad a dh’ionnsaidh a’ bhaile. Cha bu dual dha “brat-dorais”, no “mat” a bhith aig taighean ann an Lios Mòr, mar sin, nuair chunnaic na “Liosaich” iad cha do chreid iad gum bu chòir dhaibh cas a chur air. Bha am brat-dorais cho glan, ùr agus àlainn nach b’ urrainn dhaibh an casan làn eabair a chur air. Thòisich iad ri leum a gheàrradh thairis air agus lean an còrr e san aon dhòigh, mar chaoraich. Thugadh càch a chunnaic seo “na n-othaisgean” dhaibh! A rèir coltais b’ iomadh thuras a chuala Liosaich mèilich bho chàch a’ bhaile mar sin air sgàth an sgeòil sin!
 
Am Meadarloch
’S iad “na h-eireagan dàithte” a thugadh orra.
 
Latharna
’S e “Losgainn” a th’ anns na Latharnaich. Ann am Mùc-Càrna ged-thà, a bharrachd air an ainm “Mucarnaich”, cha d’ fhuair mi ach am far-ainm “Geàrra-ghbaich Mhùc-Càrna!” Tha gnàthas-cainnt ann am Faclan bhon t-Sluagh a tha a-mach air an fhrith-ainm seo: “Geàrra-ghobaich gun mhodh, coillearan Mhuc-Càrna.”

’S e “na h-Eireagan” a theirear ri muinntir Chille Mhoire, Cille Brìghde agus Chearara.
Airson muinntir Eilein Luinn, canar “na Luinnich”, agus air an son agus muinntir Chille Bhrandoin agus Chill’ Chatain ’s e “Piocaich” a thugadh orra.
 
Cnapadal
A thaobh muinntir Chnapadail, thugadh orra “Crodh Maol Chnapadal”. Tha an t-ùghdar, Dòmhnall Frìseal, anns an alt “Far-ainmean Dùthchail na Gàidhealtachd,” ann an leabhar XLIX de “Transactions of the Gaelic Society of Inverness” feòrachail mas e ’s gun canar “Crodh Maol Chnapadal” ri muinntir na sgìre oir b’ e dùthaich Chloinn Mhic ’Ille Mhaoil o sheann, mun deach an sgaoileadh air feadh na dùthcha.

Cluinnear an gnàth-cainnt seo mun sgìre: “Cnapadal a' bhuntàta mhòir far am biodh iad a' strìochdadh nan each òga”. Tha deagh bheachd ann gur e na Cinn-tìrich a th’ anns “na h-eich”, ’s mar sin bidh na “Crodh” gan strìochdadh gach cothrom a gheibh iad!
A dh’aindeoin am buaidh a’ strìochdadh nan “each”, cha tig piseach air seanchas Chnapadalaich, gu mì-shealbhach; seo dhuibh comhairle pòsaidh a tha ri lorg mu dheidhinn muinntir na sgìre:
“Mura faigh mi bean nam dhùthaich gheibh mi brùid an Cnapadal.”

Seo dhuibh rann a tha a-mach air far-ainmean bhailtean anns na sgìrean ma thimcheall:
"Fithich dhubha Chreiginis
Coilich Chille Mhàrtainn
Liath-chearcan Taobh Loch Obha
'S Coin-odhar an Atha."

’S e “Na Rudhaich Àird Drìseig” a thugadh air muinntir Àird Drìseig agus airson muinntir Loch Fìn fhèin ’s e “na h-òigich” a thugadh orra cuideachd. Tha sin air a dhearbhadh anns an rann bheag seo:
“Uaislean a' Bhaile Uachdraich, Tuathanaich a' Bhaile Mheadhonaich is Òigich Loch Fìn.”
 
Loch Obha
A’ tilleadh an-àird gu Loch Obha ’s e na “Mucan Biorach” a thugadh air muinntir Loch Fìn a Tuath, gu h-àraidh na h-iasgairean air an loch ag iasgach an sgadain. Dè mu dheidhinn nam ban, ged-thà? Na gabhaibh dragh, chaidh an gnàtha-cainnt seo a chlàradh mu mhnathan an locha:
“Eireachdas mhnathan Loch Obha, am brèid odhar a thionndadh.”

Seo na tha agam de fhar-ainmean agus frith-ainmean airson muinntir iomadh sgìrean Earra-Ghàidheil. An aithne dhuibh fear de na far no frith-ainmean fos cionn? A bheil ainmean eile agaibhse? Nach leig sibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo