- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Òrain na Dùthcha bho Ghlaschu dhan Eilean Sgitheanach (Pàirt 1)
Air a sgrìobhadh le Calum air 18mh Am Faoilleach, 2024
Bliadhna mhath ùr dhuibh! Tha mi an dòchas gun robh bliadhna mhath ùr agaibh uile. Tha fios agam gum bitheadh feadhainn dhiubh air ais air a’ Ghàidhealtachd àm a’ Chollainn, a’ siùbhal mu thuath bhon Ghalldachd, a’ dol tro iomadh sgìrean àlainn na Gàidhealtachd. Ach nuair a thèid mi tro na sgìrean seo bidh mo smuaintean air seanchasan agus dualchas nan sgìre, gu h-àraidh na h-òrain, mar sin thòisich mi air cruinneachadh òrain nan sgìre gu ruige an Eilein Sgìtheanaich, mar a rinn mi leis na brath-bhlogaichean “Òrain, Bàrdachd agus Duanagan an A9 ann an Alba”, a’ tòiseachadh ann an Glaschu:"Òran do Ghlaschu", le Iain Mac a’ Phearsain, às a’ Mhòrbhairne – Glaschu
’S ann an teis-mheadhain baile Ghlaschu gun tòisich sinn. Mar iomadh fhear anns na bailtean mòra tha ùidh no cianalas againn airson ar dùthaich fhaicinn, mar is soilleir dhuinn anns an òran seo:
"’S mi seo an Glaschu nam Bùithean far eil fasain is ioghnaidh gu leòr;
Leis na chunnaic mo shùilean, tha mo chridhe air dùsgadh gu ceòl;
Sluagh mar sheangain gun àireamh, ruith gach rathad sna sràidean nan deann,
A-measg toit is droch fhàileadh, ’s pailteas fearainn dol fàs feadh nan gleann..."
"Ciad Turas MhicDhòmhnaill a Ghlaschu", le Uilleam Marshall, Bruach a’ Chluaidh agus An t-Eilean Sgitheanach – Bruach Chluaidh/Broomielaw
Fhuair Marshall fasgadh agus àrach anns an Eilean Sgitheanach aig àm an dàrna Chogadh mhòr, ged a bhuineas e do Bhruach Chluaidh, far an do thog e a’ Ghàidhlig. Thug na bliadhnaichean Ghàidhealach buaidh mhòr air agus feumaidh gun robh breisleach air a’ bhàrd nuair a thill e dhan Ghalldachd. ’S e òran àbhachdais a th’ anns an fhear seo ach is fìor an sgeulachd do dh’iomadh Ghàidheal a thàinig dhan Ghalldachd, gun mòran bheurla, o linntean sa chaidh:
"When I came to Glasgow first, a-mach gu Tìr nan Gall,
I was like a man adrift, air iomrall ’s dol air chall;
The noise it seemed like thunder, chuir e tuainealaich nam cheann,
And often-times I wished I was air ais an tìr nam beann..."
"Is Saor do Leannan, a Leamhain", le Muireadhach Albannach Ó Dálaigh – Alecsaindria
’S e òran-molaidh a rinneadh mu Alùn, Mormhair Leamhnachd, a’ moladh dlùthachd a’ Mhormhair ris an fhearann a bhuineas e, ga mholadh agus a’ moladh na h-aibhne fhèin. Tha iad cho dlùth nach urrainnear sgaradh a dhèanamh eadar am Mormhair agus am fearann oir tha iad cha mhòr ionnan nan dualchas do càch a chèile. ’S urrainnear nas motha dheth a leughadh ann an “Bho Chluaidh gu Calasraid”, d.40, le Mìcheal Newton.:
"Is saor do leannan, a Leamhain –
Alùn òg mac Mhuireadhaich,
A chùil dhruimneach gun duibhe,
Ogha Lughaidh à Liathmhuine.
Is math do rath, gillean geala,
On a chàraidich thu a’ chiad fhear:
Mac Rìgh Bhealaich don robh an dàn
Gum b’ e Leamhain a leannan...”
Òran le Iain Mac an Fhucadair, Camustradden” le Iain MacAnFhùcadair – Gleann Luis
B’ ann à Chamstradden, air crìochan bhaile Luis, a bha am bàrd. Bha e na thuathanach fad a bheatha anns an Leamhnachd, a’ leantainn gu dlùth ri cliù a shinnsearan. A dh’aindeoin fàsachadh nan gleann le galldachadh na sgìre bha dàimh làidir aige ris an tìr agus tha sin soilleir san dàn seo, a’ moladh oirnn:
“’S Mi ’m shuidhe ann am chrùban,
Ann am bothan udluidh fuar;
Gu'n duine ann a nì sugradh rium,
No dh’òlas drù a cuaich.
Chaidh Iain bàn air farsan uam,
'S cha'n fhan e' n dail mo sgeith;
'Seo cairdeach Gille-Padruig dhomh,
Gu'n dh'fhàg e mi leam fèin.
Bithidh bruic, is cait, is mairteanan ;
A garraich feadh nan tom;
'S bha uair a chluinnte uruiscean
Ri buirich san Eas-chrom.
Gu’n fhasgadh no gun fhàrdach aca,
Ach scarnach, no bun craoibh ;
lad fèin sa bhean 's na pàistean aca,
’S iad lom-rùisgte ris a ghaoith...”
“Òran Molaidh do MhacPhàrlain an Arair” – Àrar
’S e òran-molaidh a rinneadh leis a’ Bhàrd Laomainneach a th’ ann, a’ moladh “deagh mac Dhonnchaidh”, a bha na cheannard do Chloinn MhicPhàrlainn, agus a lùth-chleasan, dànadas agus fhialaidheachd do filidhean. ’S urrainnear nas motha dheth a leughadh ann an “Bho Chluaidh gu Calasraid”, d.166, le Mìcheal Newton:
MhicPhàrlain an Arair
Làmh àghmhor an einich,
Fhir as fial ri h-ealaibh,
Bidh tu riar’ gach filidh.
Mhic fhìor-ghlic fhearamhail
Leis an dìolar sgolaibh;
Laoich chruaidh’ nach crìon aithne
Nì nas buaine d’ onair...“
"Tha mi ‘m Bothan am Ònrachd/Òran na h-Àirigh" – Inbhir Àirnean
Òran a chaidh a chruthachadh mu àm a theidheadh na Griogairich a chur an grèim agus air an dèanamh mì-laghail a bhith nan Griogarach. Thug cailleach an Gleann Falach aoigheachd do bhuidheann Ghriogairich, gun fhiosda gun robh na Caimbeulaich luath air an tòir. Cha d’ fhuair an tòrachd grèim orra leis gun d’ thug i rabhadh dha na Griogairich air an tighinn agus thug iad an casan leinn mar sin. ’S e "Òran Chlann Ghiogair" a thugadh air. ’S urrainnear nas motha dheth a leughadh ann an “Bho Chluaidh gu Calasraid”, d.186, le Mìcheal Newton:
“Tha mi ‘m bothan am ònrachd
’S mi air còmhnard an rathad,
Dh’fheuch am faic mi fear fuadain
Tighinn bho Chruachan a’ cheathaich;
No bheil sgeul air Cloinn Ghriogair
No bheil fios cia ’n taobh a ghabh iad.
Ach chan fhaca mi fhìn iad
’S cha bhi mi gam brath dhut...”
"Mo Nighean Donn nam Meall-shùilean" – Gleann Falach
Òran-gaoil a bhuineas ri Gleann Falach, gun mòran fhios air a chruthadair no ùghdar:
“Mo nighean donn nam meall-shùilean
Gur òg thug mi mo ghealladh dhut
Nam faighinn thu le òrdugh clèir
Chan iarrainn sprèidh no fearann leat
Mo nighean donn nam meal-shùilean.
...
Chuir iad a Ghleann Falaich mi
Far nach cluinn mo leannan mi
Far nach cluinn mi guth mo rùin
A' tigh'nn bho chùl nam bealaichean
Mo nighean donn nam meal-shùilean...”
“Clann Griogair air Fògradh/Gura Mise Tha Gu Brònach” – Na Sraithibh, Uachdar-tìr
Cha mhòr nach e an t-aon òran a th’ anns an fhear seo ri “Òran Chlann Ghriogair” fos cionn. Tha na faclan rud beag eadar-dhealaichte ach tha e dìreach cho tarraingeach agus cho farsaing na bhrìgh:
“Is mi suidhe an seo am ònar
Air còmhnard an rathaid
Dh'fheuch am faic mi fear-fuadain
Tighinn o Chruachan a' cheathaich
A bheir dhomh sgeul air Clann Ghriogair
No fios cia an do ghabh iad.
Cha d' fhuair mi dan sgeulaibh
Ach iad bhith 'n-dè air na Sraithibh...”
"Taigh an Droma", le Dròbhair Muileach – Taigh an Droma
Òran-dhùthcha le Dròbhair Muileach air dha tadhail air Taigh an Droma agus bha a thuras ann diabhlaidh dona. B’ e a dhùrachd tilleadh a Mhuile air dha crìoch a chur air dròbhaireachd. ’S urrainnear tuileadh a leughadh dheth anns an leabhar “Tales from Highland Perthshire”, le Bain-thighearna Evelyn Stiùbhart Mhoireibh:
"O is tu, gura tu air m’ aire
O is tu, gura tu air m’ aire
’S i mo dhùrachd tha tighinn fa-near dhomh
An t-Eilean Muileach as lùraiche beannach.
Mo mhìle mhallachd cha dèan mi àicheadh
Gu Taigh an Droma cha ghuidh mi slàinte
Fhuair mi feòil ann ’s cha gheàrradh sàbh
’S cha drùdhadh m’ fhiacail aon mìr don chàis’ ann..."
“Moladh Beinn Dòbhrain”, le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir – Gleann Urchaidh
Pìos òirdheirc bàrdachd na h-Alba leis a’ bhàrd ainmeil, a’ moladh na beinne cumhachdaich agus an nàdar a tha ga cuairteachadh, ga còmhdachadh agus a tha tighinn uapa. Ann an cruth pìobaireachd seallaidh am bàrd an dà chuid àrd-chomas a’ bhàird ann an cainnt filidheachd nan Gàidheal agus sgairt is meanmna nan ainmhidh a tha a’ fuireach air a sliabhan:
"An t-urram thar gach beinn aig Beinn Dòbhrain;
Na chunnaic mi fon ghrèin 's i bu bhòidhche leam;
Monadh fada rèidh, cùil am faighteadh fèidh,
Soilleireachd an t-slèibh bha mi sònrachadh.
Doireachan nan geug, coille anns am bi feur;
'S foineasach an sprèidh bhios a' còmhnaidh ann.
Greidhean bu gheal cèir, faghaid air an dèidh;
'S laghach leam an treud a bha sròineasach..."
"’S an Oidhche Sin Chaidh Sinn air Allaban", le Rodan MacLachlainn – Inbhir Dhobhrain]
Rinn am bàrd aoir an aghaigh taigh-òsta aig an àm, anns nach d’ fhuair e aoigheachd, ann an Inbhir Dhobhrain:
’S an oidhche sin chaidh sinn air allaban
As thuirt? i Inbhir Dhobhrain
Gun d’ rinn an t-acras
A’s cha do chaisg iad mòran;
Fhuair sinn samhla bradan agus
beagan ann de còinnich
’S a chuid a chur iad an uair(st) a chook
Chan fhoghnadh e a dhà...
Tillidh sinn an ath-thuras le òrain a bharrachd, a’ tòiseachadh le Gleann Comhainn. An aithne dhuibh na h-òrain fos cionn? A bheil òrain eile agaibh a mholas sibh nach eil am broinn a’ bhrath-bhloga seo? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo