Gàidhlig / English
Seanfhaclan a' Gheamhraidh

Seanfhaclan a' Gheamhraidh

Air a sgrìobhadh le Calum air 21mh An Dùbhlachd, 2023
“Am fear nach dèan Nollaig gheanach nì e tràsg ga h-aindeoin”: Ged gu bheil an gnàth-cainnt a-mach air an Nollaig a-mhàin bu chaomh leam seo a shìneadh dhan Gheamhradh, tha e fallain dhuinn atharrachadh na ràithe agus na bliadhna aithneachadh agus chomharrachadh. Comhraicheas tòiseachadh a’ Gheamhraidh ann an iomadh dhòigh agus comhraicheas e le gnàthasan-cainnt agus seanfhaclan.
Airson sluagh agus dualchas a tha an eisimeil air aithneachadh nan ràith agus nàdar fhèin tha e cudromach gu bheil ceangal agus eòlas aig na Gàidheil ris na ràithean agus tha seo air a chomharrachadh ann an tòrr sheanfhaclan. Tha bailc dhiubh air am foillseachadh ann an leabhraichean agus foillseachaidhean eile: “Gaelic Proverbs”, le Alexander Nicolson; agus “Campbell Collection of Gaelic Proverbs and Sayings”, mar eisimpleir, ach tòisichidh sinn leis na th’ againn anns na liostaichean-fhacal againn:
 
Faclan bhon t-Sluagh  
“Gaelic Proverbs” le Alasdair MacNeacail
  • 11 – Am bronnach a’ gheamhraidh ’s an seang Earraich [Tha am fear seo a-mach air càileachd bhò].
  • 138 – Cha robh Samhradh riamh gun ghrian;
Geamhradh riamh gun sneachd;
Cha robh Nollaig mhòr gun fheòil;
No bean òg le deòin gun fhear. [Ceithir rudan a tha “a rèir coltais” a tha “fìor”!]
  • 144 – Cha tig Geamhradh gu cùl Callainn, Earrach gu cùl Fhèill Pàraig. [Dàil ann an aimsir na h-Alba.]
  • 164 – Clachair Samhraidh, dìol-dèirc Geamhraidh. [Iomradh air cruadh-chàs luchd-obrach o sheann.]
  • 180 – Dèan cnuasachd san t-Samhradh a nì an Geamhradh a chur seachad. [“Gather in Summer what you will serve for Winter”.]
  • 189 – Dorcha, doireannta, dubh
Chiad trì làithean den Gheamhradh;
Ge b’e bheir gèill don sprèidh, [whomever depends on cattle]
Cha tugainn fhèin gu Samhradh. [Cruadh-chàs chroiteir agus thuathanach.]
  • 208 – Foghar gu Nollaig, Is Geamhradh gu Fèill Pàdraig;
Earrach gu Fèill Peadair; Samhradh gu Fèill Màrtainn. [Ceann agus crìoch gach ràith.]
  • 222 – Geamhradh reòthanach, Earrach ceòthanach,
Samhradh breac-riabhach is Foghar geal grianach, cha d’fhàg gorta riamh an Alba.
  • 257 – Is e an Geamhradh a nì ’n cathadh Earraich.
  • 258 – Is e ’n Geamhradh luath an Geamhradh buan. [Mairidh e nas fhaide mar sin.]
  • 288 – Is ioma mùthadh a thig air an oidhche fhada Gheamhraidh.
  • 367 – Na pòs as t-Fhoghar
’S dèan foighidinn sa Gheamhradh
Bidh tu cabhagach as t-Earrach,
’S bidh gainn’ air aran as t-Samhradh (AN) [Còmhairle pòsaidh.]
 
“Campbell Collection of Gaelic Proverbs and Sayings”
  • 67 – An dèidh torrann geamhraidh, thig sìde ro-mhath, no sìde nan seachd siantan [winter thunder]. [Às dèidh doineannan geamhraidh tha an aimsir glè chaochlaideach aig ceann gach ìre.]
  • 121 – Bainne geamhraidh, mil bho thalamh. [Cha tig bàrr air bainne blàth bàrrach a’ gheamhraidh.]
  • 154 – Bheir mireag chuileag sa gheamhradh an gnàithseach gu bròn. [Far am bi blàths as a’ gheamhradh bidh cuileagan agus tinneasan nan lùib.]
  • 832 – Tha an droch dhuine a’ gabhail an aiseig ri oidhche dhorcha dhoinneannach Gheamhraidh ’s a bhàta briste. [Air a ràdh ann an dòigh bhàrdail mu chuideigin a tha air siubhal no caochladh, air “abhainn a’ bhàis” mar a chanas iad].
  • 882 – Thug thu ’n Geamhradh leat.
 
An aithne dhuibh na seanfhacalan no na gnàthasan-cainnt fos cionn? A bheil seanfhacal no gnàth-chainnt agaibh a tha ceangailte ris a’ gheamhradh? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin, agus guma bhios Nollaig Chridheil agaibh agus Bliadhna Mhath Ùr agaibh uile!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo