- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Boinneag, Dìleag agus Drudhag: Faclan Ionadail airson 'Drop'
Air a sgrìobhadh le Calum air 14mh An Dùbhlachd, 2023
An gabh thu srùpag? An gabh sibh nitheigin nas làidire? An gabh sibh tuilleadh? Uill, dè a ghabhas sibh ma-thà? Tha iomadh fhacal againn ann an Gàidhlig na h-Alba airson deur no ‘drop’ ri òl – agus mas e ’s gu bheil sibh eòlach air dualchas na h-Alba cha mhòr nach eil cànan gu tùr eadar-dhealaichte ann airson òil ann an Gàidhlig na h-Alba, tha pailteas bhriathrachas againn airson òil!Air dhomh beagan siridh a dhèanamh bu lèir dhomh gu bheil an t-uabhas de dh’fhaclan ionadail againn à iomadh sgìre agus bu chaomh leam na th’ ann am "Faclan bhon t-Sluagh" agus ann am Faclair Dwelly a thaisbeanadh dhuibh an-seo:
Faclan bhon t-Sluagh
- Boinneachan – Uibhist a Tuath
- Boinneag – Eunabal, Machair Chat
- Boinnean – Druim na Drochaid, S. Inbhir Nis
- Deur
- Drabhag – Scalpaigh
- Driosg – Gleann Urchadain, agus an t-Eilean Sgitheanach
- Dripeid – Scalpaigh
- Driug – Barabhas, Leòdhas
- Driùdhadh – Tiriodh
- Driùth – Barabhas, Leòdhas
- Druthag – Scalpaigh
- Dròcan – Ceasaig, Inbhir Nis
- Glugan – Scalpaigh
- Iughrag – Gearradh na Mòna, Uibhist a Deas
- Silc – Scalpaigh
- Sile – Scalpaigh
- Sileag – Scalpaigh
- Spannadh – Loch Baghasdail a Deas
- Spriotag – Barabhas, Leòdhas
- Strideag – Ùig, Leòdhas
Faclair Dwelly
- Boinne – Air feadh na Gàidhealtachd
- Boinne-taige – Innse Ghall agus Dail an Leigh/Dalelia
- Boinneag – Innse Ghall, Gleann Moireasdan, Machair Chat
- Boinneagraich
- Boinnealaich – Innse Ghall, An t-Eilean Sgitheanach
- Boinnean – Bàideanach
- Boinneartaich –
- Braon – Strathyre, Innse Ghall, An t-Eilean Sgitheanach, Cinn t-Sàile, Còigeach, Dùthaich MhicAoidh, Ìle
- Braonan – An t-Eilean Sgitheanach
- Buinne – Àsainte
- Caor**
- Caornan**
- Deòr – Leòdhas, Uibhist a Tuath, Uibhist a Deas, Tiriodh
- Deur – Air feadh na Gàidhealtachd
- Deuran – Ìle, Cnapadal, Còmhghall, Ceann Loch Obha. Drochaid Aonachain
- Dil – Leòdhas, Uibhist a Tuath
- Diod
- Dril – Uibhist a Tuath
- Drileag
- Driog – Beinn nam Fadhla
- Driosg – Duras
- Driosgag – Duras
- Driùchdan – Allt na Cailliche, Dùthaich Mhic Aoidh
- Dropa – Làirig, Cataibh
- Druthag – Innse Ghall, Tròdairnis, Tiriodh, Drochaid Aonachain, Kingsville (CB), Mabù (CB)
- Guc
- Gucag
- Mìr**
- Sil – Air feadh na Gàidhealtachd
- Sileag – Uibhist a Deas
- Silean
- Silt – Ceann Loch Bìorbhaidh
- Siltean
- Spìontag – Na Hearadh
- Srid
- Stideag
- Taige
- Tòineag
Tha faclan airson “boinneagan” eile ann le mìneachaidhean nas fharsainge a tha àraidh ri clàradh agus cur an cois a’ bhrath-bhloga mar an ceudna.
Mìneachaidhean Farsaing
- Boinnean – Druim na Drochaid, S. Inbhir Nis (A’ mìneachadh srùpaig no deoch-làidir).
- Bonnaig dhe’n Chreutair – Leòdhas an Iar (A’ mìneachadh deoch-làidir).
Mìneachaidhean Àraidh
- Boinne taig – An t-Eilean Sgìtheanach (A’ mìneachadh cuir uisge trom gun sguir, agus le mìneachadh glè bhith-eòlach).
- Boinne-snithe – Scalpaigh (A’ mìneachadh sìleadh uisge a thigeas tron tughaidh le sileagan sùithe nan lùib).
- Dìleag - Air feadh na dùthcha (A' mìneachadh gu bheil mùin aig cuideigin).
- Shirc – (A’ mìneachadh boinneag glè bheag).
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo