- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Buaidh Gàidhlig na h-Èireann air 'Shelta'
Air a sgrìobhadh le Calum air 7mh An t-Sultain, 2023
Shelta: Tha iomadh ainm eile ann airson Shelta: Gammon, Tarri, Thari, Minklers, Shelter, Tinker’s Cant, m.s.a.a. ’S e cànan, no cainnt, eile a bhruidhneas luchd-siubhail Èirinneach – no “Mincéirí” - agus feadhainn ann an Alba is Sasainn. Tha iomadh chànan-cleithte, no cainnt, aig luchd-siubhail na h-Alba: Scottish Cant, Romani, Beurla Reagaird, Polari is càch. Tha sinn air sùil a thoirt air Beurla reagaird ann am brath-bhloga glè inntinneach a chaidh a sgrìobhadh roimhe, cànan-cleithte neach-siubhail a thàinig bho Ghàidhlig na h-Alba ach bu chaomh leam sùil a thoirt air cànan-cleithte a tha air thighinn bho chànan Cheilteach eile, Gàidhlig na h-Èireann: Shelta.Dìreach mar Bheurla Reagaird tha briathrachas a’ chànain air a thighinn bho Ghàidhlig na h-Èireann. A dh’aindeoin tùs bhriathrachas a’ chànain, agus gu math eu-coltach ri Beurla Reagaird, tha Beurla air buaidh mhòr a thoirt air structar agus gràmar a’ chànain, mar sin chan ann le buaidh cànan Cheilteach a tha an cànan ach le buaidh Ghearmailteach, buaidh na Beurla. A dh’aindeoin buaidh làidir Beurla Èireannach a th’ air a’ chànan tha briathrachas Gàidhlig na h-Èireann làidir anns a’ chànan fhathast..
’S e cànan measgaichte a tha Shelta oir chaidh a bhruidhinn los càch nach tuigeadh càch e a chur an imcheist agus airson fiosrachadh a chleith no a chumail bhuaibh gun iad a’ tuigsinn. Tha feartan cumanta dhan chànan a tha soilleir ri fhaicinnn agus claistinn airson ciall nam facal - no ciall a' chòmhraidh mar sin - a chleith:
- Tha feadhainn de na faclan ann leis an litreachan aig gach ceann an fhachail air an atharrachadh, m.e., “kam” (“mac”), “gop” (“póg”), “lackin” (“cailín”);
- Tha feadhainn air litrichean a chur ris an fhacal, m.e., “gather” (“g + athair”), “gruber” (“gr + obair”), “talósc” (“lá + osc”), “grimisher” (“gr + aimsear”), m.s.a.a.;
- Tha feadhainn dhiubh ann le litrichean air an toirt bhuapa, m.e., “lí” (“leaba”), “pí” (“mouth”);
- Tha feadhainn litrichean air an atharrachadh le litrichean eile, m.e, “Slunya” (gloinne), “graura” (samhradh), gránya (“fáinne”) m.s.a.a.
Briathrachas
- Ad/Od – Dó [1]
- Acháram – Amárach [4]
- Ayen – Naoi [1]
- Charp – Dearb[h] [2]
- Dai – Déag [3]
- G-ather – Athair (g + athair) [2]
- Gop – Póg [1]
- Granko – [Cearc] Francach [1+3]
- Gránnum – (“Grainery”) Gráinne [2]
- Granyo – Fáinne [2]
- Graura – Samhradh [1+2]
- Grarro – Searrach (“foal”) [1+2]
- Grenog – Fuinneag [2]
- Griwog – Siabhróg [4]
- Groog – Gruaig
- Gr-imisher – Aimsir [2] (gr + aimsir)
- Gruber – Obair [2] (gr + obair)
- Hinniadh – Aon déag [1]
- Innic – Aon [2]
- Jummik – Domhnach [4]
- Kam – Mac [1]
- Kephal – Capal [4]
- Lackin – Cailín [1]
- Lí – Leaba [3]
- Lúrógs – Léir [3]
- Máilles – Lámh/Meur? [2]
- Múgathom – Amadán [1+2]
- Nap – Bán [1]
- Noid – Duine [4]
- Nook – Ceann [1]
- Nucel – Coinneal [1]
- Nup – Muin[eál] [4]
- Pí – Béal [3]
- Rag – Carr [1]
- Rodas – Doras [1]
- Shalawa – Balbh (“dumb”) [4]
- Shako – Peacadh [4]
- Sharrog – Dearg [2]
- Shúka – Cúig [4]
- S-lun – Luan (S + Lùan) [2]
- Slúnya – Gloinne [4]
- Sroijin – Maidin [4]
- Tomgarheid – trom airgead (òr)
- Tha-lósc – Lá (lá + osc) [4]
- Tórog – Tóraí/Toruighe (“Mumper, Beggar”) [4]
- Tróopers – Treabhsar [4]
- Uist – Wisht!
Faodar tuilleadh mu Shelta a leughadh ann an Transactions of the Gaelic Society of Inverness XXIV a leughadh airson tuilleadh fhiosrachadh. An aithne dhuibh na faclan no na h-abairtean fos cionn? A bheil facal no abairt eile agaibh ann an Shelta? Leigibh fios dhuinn air facebook, twitter agus ar làrach-lìn fhèin!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo