Gàidhlig / English
Bròg na Cuthaig

Bròg na Cuthaig

Air a sgrìobhadh le Calum air 18mh An Cèitean, 2023
A’ leantainn air adhart bho “Flùr na Cuthaige” tha blàth eile ceangailte ris a’ chuthaig: “Bròg na Cuthaig” [Hyacinthoides non-scripta].

Tha iomadh ainm eile ann air a shon: Bròg na Cuthaige fhiadhain; Fuath-mhuc (Cinn-Tìre agus Cill-Fhinn), bogha-mucag, Lili Ghucagach, Lus na Gineal Gòraiche, Brocan agus Ceanna-gorm. Tha ainmean eile ann airson “Scottish bluebell” [Campanula rotundifolia]: Currac na Cuthaige (ann am Muile); Clag-ghuirmean; Flùran-chluigeanach agus Plùran-cluigeannach.
’S e lus ealanta a th’ ann, a’ comharrachadh tòs an Earraich, far an lorgar ann an coilltean e.

A rèir làraichean-lìn an Urrais Nàiseanta agus Urras Coille (Woodland Trust), cha mhòr nach eil leth-chuid Brògan na Cuthaige rin lorg anns an Rìoghachd Aonaichte a-mhàin, agus leis gu bheil iad cho gann tha laghan ann a’ cur an cèill nach bu chòir gam buain no milleadh. Tha iad a’ toirt glè fhada ri abachadh agus fàs. Los an dìonadh canar gun cleachdte iad ann an deochan-eiridinn bhana-bhuidseachd agus nan teidheadh cuideigin ann am buaile bròg-na-cuthaige bhiodh ortha nan sìthithe orra, agus cha bhith fada gus an tadhail sìthiche orra agus gum faigh iad bàs. Theagamh gu bheilear den bheachd gur e lus bàsail a th’ ann oir bu dual do dhaoine ga chleachdadh airson puinnsean, ach tha buaidhean ann a tha altmhor agus cuideachail airson cungaidhean-leighis leis gur e “diuretic” agus tha buaidhean casg na fala aige mar an ceudna.

Ann an cànan nam blàth tha an lus a’ riochdachadh ioraslachd, buidheachas, cunbhalas agus gaol sìorraidh.
An aithne dhuibh na h-ainmean fos cionn? A bheil seanchas no eòlas eile agaibhse nach eil sgrìobhte an-seo? Leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn fhèin!

Mus crìoch sinn, leigidh mi tòimhseachan leibh: Cò a’ bhròg nach deach riamh mu chois duine?”
[Freagairt – Tiotal a’ bhrath-bhloga seo!]
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo