- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Càilghuth
’S e ‘càilghuth’ facal na seachdain-sa, a tha a’ ciallachadh guth a tha binn agus ceòlmhor. Chaidh an fhacal seo a chruinneachadh bho chuideigin anns an Eilean Sgitheanach, agus ’s e ‘good voice’ an ciall a bh’ aca air.
Tha ‘càil-ghuth’ a’ nochdadh ann an ‘Transactions Volume 24’ le The Gaelic Society of Inverness (1904). Chaidh pàipear a thoirt seachad dhan Chomann air an 20mh latha den Dùbhlachd 1900 leis an Urr. Teàrlach M. MacDhonnchaidh air an robh ‘The Gaelic of the West of Ross-shire.’ Tha e a’ toirt ciall seachad airson ‘càil-ghuth’ mar a leanas: “voice, sweet or musical voice. Is briagh a’ chàil-ghuth a tha aige, what a fine voice he has.”
Gu dearbh, bhiodh ‘càil-ghuth’ air leth freagarrach do Fhlòraidh NicNèill, an sàr-sheinneadair Gàidhlig a shiubhail Dihaoine a chaidh seachad. Gus an ‘càil-ghuth’ aice a chluinntinn, brùthaibh an seo agus thèid sibh gu Tobar an Dualchais, air a bheil gu leòr clàraidhean dhith a’ gabhail òrain.
A bheil sibh eòlach air am facal ‘càil-ghuth’? Dè chleachdadh sibh airson cuideigin le deagh ghuth? Cuir fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo