Gàidhlig / English
Òrain Ghàidhlig Ghlaschu: Pàirt 2

Òrain Ghàidhlig Ghlaschu: Pàirt 2

Air a sgrìobhadh le Calum air 26mh Am Faoilleach, 2023
Tha sinn a’ tilleadh le tuilleadh òrain na Gàidhlig ann an Glaschu.

Òran do Ghlaschu – [Donnchadh Mac a’ Phearsain, às a’ Mhorbhairne.]
Dh’imrich Mac a’ Phearsain a "Ghlasgo" mu 1871 ach dh’imrich e thar sàile gu luath às dèidh sin a Shealainn Nuadh. Fhad ’s a bha e ann an Glaschu ged-thà thug am baile buaidh mòr air, le traingead agus sgairt a’ bhaile, agus a muinntir, fada nas eadar-dhealaichte dha na bha e an dùil, airson aobharan matha agus dona, mar a chì sibh gu h-ìosal:
“’S mi seo an Glaschu nam Bùithean far eil fasain is ioghnaidh gu leòr;
Leis na chunnaic mo shùilean, tha mo chridhe air dùsgadh gu ceòl;
Sluagh mar sheangain gun àireamh, ruith gach rathad sna sràidean nan deann,
A-measg toit is droch fhàileadh, ’s pailteas fearainn dol fàs feadh nan gleann.
 
Ged tha Glaschu cliùiteach anns na fasain as ùire fon ghrèin
’S ioma trioblaid is neò-gloin tha luchd-misg toirt dhan deòin orra fhèin;
Chan eil bainne ri fhaotainn, an deoch as fheàrr air an t-saoghal gu lèir,
Ach beirm laidir a’ chaochain a’ cur mhnathan is dhaoin’ às an cèill...”
 
Òran Alasdair – [Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, à Druim-Liaghairt, Gleann Urchaidh.]
Cha robh bàrd ainmeil, Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir na shrainnsear dha na bailtean mòra nas motha, dh’imrich e a Dhùn Èideann far an robh e na neach-phoileis airson còrr a bheatha. Fhad ’s a bha e a’ cèilidh air a chàirdean ann an Glaschu thadhaileadh e air a charaid, Alasdair, aig an robh taigh-sheinnse ann an “Sràid a’ Chùil” (“Old Wynd”). Seallaidh an t-òran seo gun robh na Gàidheil dìreach cho eòlach agus an sàs ann am beatha a’ bhaile mar a bha càch anns a’ bhaile, mar is lèir dhuibh san òran fhèin:
Alasdair nan stòp
Ann an Sràid a’ Chùil,
Sin an duine còir
Air am bheil mo rùn.

 
’S coma leat an sile,
B’ annsa leat an stòp,
Chan e bu dòcha
Ach am bòtal mòr...

’N uair a thèid mi Glascho,
’S taitneach leam bhi ’g òl
Ann an tigh mo chàraid,
Alasdair nan stòp.”
 
Òran Margadh an t-Salainn – [Iain MacPhàidein, à Bhaile a’ Mhuilinn, Muile.]
Chìthear anns an òran seo gun robh beachdan aig a’ bhàrd air càch anns a’ bhaile, ged a bha e fhèin agus na h-Èireannaich air an robh esan a-mach cho coltach ri dà sgàdan! Chì sibh anns an òran na bu lèir dhan bhàrd nuair a thug e sgrìob gu “Margadh an t-Salainn” (Saltmarket) ann am meadhan a’ bhaile:
O ’n cual’, an cual’, an cual’ sibh ’n caithream ud,
E ’n cual’, an cuala sibh, ’n sadadh ud,
On cual’, an cual’ sibh ’n tabaid,
Bha ’m Margadh an t-Salainn an-dè?
 
Nuair chruinnich iad còmhla san taigh-òsd’ aig M’Kennie,
’S ann ann a bha bhòilich mun dòigh bh’ aig an seanair,
Mar bhuaileadh e dhòrn is mar dh’òladh e searrag,
’S ann bha e san tabaid ro-threun....”
[Leughar anns an leabhar “Caran an t-Saoghail”, le Dòmhnall Meek, gur e “Johnny Stays Long at the Fair” am fonn a chuireadh ris an òran.]

Tillidh sinn an ath-thuras le òrain a bharrachd, a’ leantainn oirnn gu sear gu Cathair-Eaglais Ghlaschu, Grianan Ghlaschu agus agus gu siar gu “Broomielaw”. Ma tha òrain na Gàidhlig agaibhse a tha a’ buntainn ri Glaschu leigibh fios dhuinn air facebooktwitter agus ar làrach-lìn.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo