- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Blabhdaire
A bheil sibh eòlach air cuideigin a tha daonnan bruidhinn gun smuain? ‘S cinnteach gu bheil a h-uile duine eòlach air neach air choreigin mar sin, agus is e blabhdaire am facal a tha againn air an t-seachdain-sa.
Chaidh am facal blabhdaire a chruinneachadh ann an Glaschu ach is ann às an Eilean Sgitheanach a thàinig e bho thùs agus tha e ga mhìneachadh mar ‘speaks before thinking.’
Chan eil am facal blabhdaire anns an fhaclair mhòr Dwelly idir, ach tha bladair ga mhìneachadh mar:
‘Flatterer. 2 Babbler. 3 Sycophant. 4 Blockhead. 5 Wide mouth 6(AF) Wolf. 7‡‡ Coward. 8** One of the followers of a Highland chieftain.’
Anns an Fhaclair Bheag tha blabhdaire am facal a tha ga chleachdadh airson ‘plonker.’
Tha faclan intinneach eile ann am Faclan bhon t-Sluaigh airson duine bruidhneach, chaidh am facal clapadaich a chruinneachadh anns na Hearadh mar:
‘noisy in speech; verbally noisy... Especially when the sentiments, speech are boring, etc.’
Chaidh an dà fhacal cabag agus gobag a chruinneachadh cuideachd airson ‘gossip’.
A bheil sibh eòlach air facal eile airson blabhdaire? Nach biodh sibh cho math agus fios a chur thugainn air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo