- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
(B)adag Chruaidh
’S iad ‘badag chruaidh’ agus ‘adag(-)chruaidh’ abairtean na seachdain-sa, a tha a’ coimhead air diofar sheòrsaichean boghan-froise.
Tha ‘badag chruaidh’ ga chleachdadh nuair a chìthear pàirt beag de bhogha-frois san iarmailt. Mar is bitheanta, bidh seo a’ tachairt ann an sìde fhrasach, agus ged as e pìos beag de bhogha-frois a tha ri fhaicinn, bidh e a h-uile dath dheth fhathast ri fhaicinn. Chaidh an abairt seo a thionail ann an Goirtean Dòmhnaill ann an Eilean Thiriodh.
Tha dà chiall aig an abairt ‘adag chruaidh’ a rèir Faclan bhon t-Sluagh. Ann an Staoinebrig, Uibhist a Deas, tha ‘adag chruaidh’ a’ ciallachadh pàirt de bhogha-frois. A rèir coltais, nam faicear ‘adag chruaidh’ bhon Iar gun tigeadh an t-uisge bhon Ear.
Tha ciall rud beag eadar-dhealaichte aig ‘adag-chruaidh’ ann an Loch Baghasdail a Deas, Uibhist a Deas. Tha e a’ ciallachadh pàirt de bhogha-frois a bhiodh ri fhaicinn sa mhadainn, agus gum biodh seo na chomharradh air droch shìde.
Dè chleachdadh sibhse airson pàirt de bhogha-frois? No a bheil sibh eòlach air na h-abairtean seo? Cuir fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo