- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Scuidsearachd
Chaidh am facal scuidsearachd a chruinneachadh ann an Uibhist a Tuath agus bhiodhte a chleachdadh nuair a bha cuideigin a’ dèanamh obair-taighe ann an dòigh bìdeagach – mar a theirte sa Bheurla, ‘guddling’ no ‘messing about’. Is e an eisimpleir a tha air a thoirt seachad: “Bha mi a’ scuidsearachd aig tì.”
A rèir an duine on fhuaradh am facal, tha scuidsearachd coltach ri luidreadh, a tha air làrach-lìn DASG cuideachd, agus a chaidh a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas. Tha luidreadh air a chleachdadh ann an dà sheagh “messing about as in a child playing in soap suds” agus “being tossed about whilst on a boat” (“Bha mi air mo luidreadh a’ tighinn air a’ bhàta.”)
Chìthear luidreadh air a chleachdadh anns a’ chiad seagh ann an ‘Òran do Chaora’ ann an Òrain Dhonnchaidh Bhàin:
Té ri bùrn, is té ri mòinidh,
Té ag cur seòl air an ainneal;
Té 'ga phostadh ann an tuba,
Té 'ga luidreadh, té 'ga ghlanadh;
Tha am facal air a chleachdadh anns an dàrna seagh ann an An Cath Spioradail le Lorenzo Scupoli, air a thionndadh gu Gàidhlig le Eoghan MacEachainn ann an 1835:
…tha e a’ càrnadh suas peacaidh air muin peacaidh, is ga chruadhachadh fhein anns an olc. Mar sin tha e ga luidreadh fhein san eabar, a’ tuiteam o dhorchadas, gu dorchadas, o shloc gu sloc, an sior dhol nas fhaid’ o rathad an t-sàbhalaidh, agus an sior mhìreadh ciont’ air cionta, nas lagha na thèid a thiarnadh le gràsan sonraichhte.
A bheil sibhse eòlach air an dà fhacal seo scuidsearachd no luidreadh? Ma tha, nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter?
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo