Gàidhlig / English
Sealg nam Muc-Mara

Sealg nam Muc-Mara

Air a sgrìobhadh le Eoghann air Diardaoine 16mh den Lùnastal 2018
‘Trì mucan dubha, dubha, trì mucan datha, datha;
Muc an ear, ’s muc an iar, ’s pian air an fhear nach tomhais e.’
 
Bha sealg airson mucan-mara anabarrach cudromach do na Gàidheil a dh’fhuirich anns na h-Eileanan Siar, gu h-àraidh ann an Leòdhas ’s na Hearradh, gu ruige an 20mh linn. Fhuaireadh òla, biadh, agus cosnadh seasmhach anns an 19mh linn às a’ mhalairt dhuilich seo. Sna linntean seo chaidh, thugadh an ainm Cuan nan Orc air a’ Mhaoil ’s tuigear bhon an t-seagh sin cha mhòr nach robh mucan-mara aig teis-meadhan an t-saoghail ionadail ann an tuigse nan Gàidheal. A bharrachd air sin, tha e gu math coltach gun robh mucan-mara am pàilteas ri lorg aig mu thimcheall na h-eileanan aig aon àm a bha seo. ’S ann am Faclan bhon t-Sluagh a gheibhear cupla eisimpleirean seòrsa mhuch-mhara – muc-[bhreac] (killer whale) ’s muc-gheal (white-bellied whale). Cuideachd, dh’ùisneachadh am facal canna airson mhuc-mhara òg agus airson mhuc-bhiorach, no porpoise, ann an diofar àitichean. Uime sin, bha na h-eileanan Canaigh ’s Eilean nam Muc air an ainmeachadh a chionn sealg mhuc-mhara, leumadair-mhara, ’s mhuc-bhiorach.

Ged nach faighear fianais cànanachais o sheann Niribhis buainntainn dhan t-sealg mhuc-mhara ann an Gàidhlig an-diugh, sgrìobh John Badlwin anns an leabhar le Urras Leabhraichean nan Eilean Whaling and the Hebrides gun robh e den bheachd gun tug na Lochlannaich an cleachdadh airson mucan-mara a shealg a dh’Alba anns an 12mh linn dheug. A bharrachd air sin, tha e a’ beachdachadh mar as fhaide a bha na Lochlannaich stèideichte ann an àiteachan ’s ann as fhaide a mhair an sealg mhuc-mhara. Co-dhiù, a tha no nach eil am beachd seo fìor, thàinig iomadh duine à Sealtainn, Eileanan nan Caorach, agus Lochlann dhan Innse Ghall air sgàth a’ mhalairt uabhasach seo. Ach nuair a thuit sìos àireamhan na muice-mara far costa na h-Alba, sgaoileadh na sealgairean Gàidheil fada falbh thar na h-Atlantaige a dh’Innis Tile, Graonlann (Greenland), agus fiú ’s cho fada deas ri Shòirsea a Deas.
 
Bho àm gu àm, fhuaireadh mucan-mara tràighte air iomadach eilein Siar, ach thuit an àireamh mucan-mara sìos gu mòr a chionn ’s gun robh an t-sealg cho trom, fiù ’s mun tòisich sealg mhalairteach ann an cuantan domhain. Chunniac Màrtainn Màrtainn mun bhliadhna 1700 sgioba an toir air mucan-mara far costa an Ear Leòdhais. Sgrìobh e cuideachd gun robh feòil-mhuice-mhara, no “Sea Pork” cudromach do bhiadhachadh mhuinntir Leòdhais aig àmannan far an robh am biadh eile gu math gann. B’àbhaist dhaibh mucan-mara a fhuaireadh far a’ chosta a leònadh le buill-airm mar shleaghan, ghunnaichean, chlaidheamhan, m.s.a.a., no gan stiùireadh dhan tràigh. Mar a tha follaiseach anns an òran Òran na Muice-Mara le Iain Chaluim Ruaidh à Beàrnaraigh, ged a bha sealg mhuc-mhara gu math cunnartach, dh’fhaodte prothaid mhath a dhèanamh às. Bha luach ann am feòil, cnàmhan, fiaclan, agus analach na muice-mara ach bha ola nam muc-mara luachmhor. “’S e t-ola ’bhitheas maith anns an smiùireadh, Bi’ mis’ air mo chrùnadh a chaoidh;”Cleachdadh an ola seo mar connadh airson lampaichean mar ùilleachadh airson innealan aig àm an Tionndadh Gnìomhachais agus na dhèidh.
 
’S math do mhuchan-mhara a fhuair deagh rud-ionaid an àite ola nam muc-mara agus chaidh gnìomhachais nas miosa anns a’ mhalairt sealg na muice-mara. Chaidh stèisean-nam-muc-mhara a stèidheachadh le Carl Herlofsen à Nirribhidh ann am Bun Abhainn Eadarra sna Hearradh ann an 1904 mus do chuireadh e fo smachd Morair Leverhulme anns na ficheadan, ach ’s tearc a rinn stèisean-nam-muc-mhara seo prothaid sam bith. Rinneadh oidhirp mu dheireadh leis ann an 1950, ach chaidh e a dhùineadh ann an ceann dà bhliadhna. An-diugh, tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh a’ gabhail cùraim airson làraich. Cuideachd, tha milltean fhathast a’ tighinn dha na h-Eileanan Siar airson mhucan-mhara agus iomadach beathaichean iongantach fhaicinn, ach às aonais miann airson cron a dhèanamh orra.
 
A bheil am fuasgladh agaibh fhathast? Am faod sibh tòimhseachan aig toiseach a’ bhràth-bhloga a fhreagair? Ma shaoileas tu gum faod, no ma bhios sgeul no fios sam bith agaibh nach cuir sibh fios thugainn air Facebook, air neo Twitter, no leugh na brathan-bloga eile againn air ar larach-lìn.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo