- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Fuine
Air a sgrìobhadh le Eleanor air 21d den Ògmhios 2018
Bhon a bha mi glè òg, bha ùidh mhòr agam ann am bèicearachd. Dh’ionnsaich mi mar a nì mi cèicean agus bonnaich bho mo mhàthair agus bho mo sheanmhair, mar a rinn daoine anns a h-uile àite thar nan linn agus tha mi cinnteach gum bidh na sgilean seo gam chuideachadh fad mo bheatha.Nuair a bha mi nam oileanach, fhuair mi rèiseidean Ghàidhlig fhìor mhath airson arain-choirce, arain-mhilis agus “duff” bho dithis bhoireannach laghach ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Bidh mi a’ cleachdadh nan rèiseidean seo fhathast, cuide ris an fheadhainn a fhuair mi bho mo theaghlach fhèin. Ach a bharrachd air seo, chan eil fios sam bith agam mu dheidhinn bèicearachd bhon a’ Ghàidhealtachd. Mar sin, seo cuspair a’ bhloga an t-seachdain seo: faclan ceangailte ri fuine.
Ged a tha biadh agus deoch glè chudromach nar beathannan, agus ged a tha tòrr cèicean agus rudan fuine air a dhèanamh ann an Alba, tha an tasg-lann rud beag gann de dh’fhaclan mu dheidhinn bèicearachd no fuine. A bharrachd air “fuine” fhèin, seo na lorg mi anns an rannsachadh agam:
“Clàr-fuine”, a’ tighinn bhon Hearadh agus bho Siorrachd Pheairt. ’S e pìos fiodha no “board” a th’ ann an seo a thathar a’ cleachdadh nuair a thèid aran a dhèanamh. Bha e inntinneach dhomh gu bheil am facal “fuine” a’ ciallachadh an dà chuid “baking” agus “kneading” anns a’ Ghàidhlig.
Ged nach robh tòrr mu dheidhinn bèicearachd ann am Faclan bhon t-Sluagh, lorg mi rudeigin inntinneach anns a’ Chorpas againn. Tha an rèiseid seo airson “Struthan na h-’Èill Mìcheal” agus tha e a’ tighinn bho Folksongs and Folklore of South Uist, le Mairead Fay Shaw:
“STRUTHAN NA H-’ÉILL MÌCHEIL
Ceithir làn truinnseir beag do mhin eòrna, rud beag beag do shoda arain, agus fliuch le uisge.
Dean an uair sin bannag air agus cuir air a’ ghreideal e.
Dà ugh, dà làn spàineadh do ‘shyrup’, dà làn spàineadh do uachdar.
An uair sin cuir a h - uile sian comhla agus cuir air a’ bhannach e le badag itean.
Dhà na trì do chòtaichean, fad na h - ùine ’ga chumail air bhialaibh an teine, agus ’ga chur mu chuairt, agus mu chuairt, gus am bi e bruich.” (TD. 58)
Bhiodh na bonnaich seo air an dèanamh airson Latha Fhèill Mhìcheil air an 29mh den t-Sultain agus gu traidiseanta bha e air a dhèanamh a-mach à trì diofar seòrsa flùr bhon thuathanas no croit far an robh e air fhuine. Tha barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn nan struthan agus mu dheidhinn bhiadh agus deoch eile anns a’ chlàr sin.
A bheil rèiseidean no faclan eile mu dheidhinn fuine anns a’ Ghàidhealtachd? Carson nach sgrìobh sibh thugainn air Facebook no Twitter. Agus ma tha sibh a’ feuchainn an rèiseid seo, tha mi an dòchas gun tèid e gu math leibh!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo