Gàidhlig / English
Dathan

Dathan

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Dihaoine 27 an Gearran 2015

An-diugh, tha an dath a th’ air dreasa air a bhith gu math connspaideach air an eadar-lìon, ach sa Ghàidhlig, tha dathan air a bhith connspaideach o chionn fhada!

Ged a tha sinn ag ionnsachadh gu bheil gorm a’ ciallachadh ‘blue’, tha an aon fhacal air a chleachdadh gu tric airson ‘green’, no fiù ’s ‘grey’ – mar a chì sinn air làrach-lìn DASG:

Fiar-gorm – ‘a reference to new, fresh grass’

Cù gorm – ‘greyhound’

Cha robh e cho gorm. – ‘He wasn’t so green.’

Tha dubh a’ ciallachadh ‘black’, ach tha dubh-bhreac a’ nochdadh ann am ‘Faclan bhon t-Sluagh’, is e a’ ciallachadh ‘brown trout.’

Tha liath ann cuideachd – air a chleachdadh airson ‘blue’ agus ‘grey’ ann am Beurla.

A bheil sibhse eòlach air dathan eile sa Ghàidhlig a tha ag aobhrachadh deasbadan? Ma tha, nach leig thu fios thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo