- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Pollag na Samhna
Fàilte gu blog DASG, far am bithear a’ toirt sùil air facal no abairt gach seachdain bho ‘Faclan bhon t-Sluagh’, cruinneachadh de dh’ fhiosrachadh a chaigh fhaighinn bhon t-sluagh bho air feadh sgìrean Gàidhealach an h-Alba agus Alba Nuadh eadar na 1960an agus na 1980an.
Tha a’ chiad abairt againn air leth freagarrach airson an ama seo den bhliadhna: Pollag na Samhna (a thàinig bho Roderick O’Henley ann an Uibhist a Deas).
Is e a th’ ann am pollag na Shamhna toll a chaidh a dheanamh san talamh air Oidhche Shamhna, leis an gabhadh na bha an dàn do dhuine a innse. Nan robh biastag san toll an ath latha, bhiodh sibh fortanach, ach mura robh càil sam bith san toll, is e comharra mì-fhortain a bhiodh ann.
Tha cunntas air cleachdaidhean eile mu Oidhche Shamhna, a tha ceangailte ri fortan seach na taibhsean agus na uile-bhèistean air a bheil sinn eòlach an-diugh ri leughadh ann an Nach Neònach Sin, le Cailein T. MacCoinnich. A rèir an sgeòil, bha dà dhoigh ann an Taransaigh a dh’fhaodadh caileagan fhaighinn a-mach cuin is cò a phòsadh iad:
i) Dheidheadh a’ chaileag a-steach dhan t-sabhal agus siaman connlaich a thilgeadh suas chun lobhta. Nam fairicheadh i cuideigin a’ tarraing air an t-siamain, dh’ èigheadh i “Cò thusa sud air ceann mo shiamain?” ’S guth an fhir a bha i gu pòsadh a fhreagradh i, agus, nan robh i fortanach, chìtheadh i coltas an fhir a’ coimhead sios orra bhon lobhta.
ii) Dheidheadh a’ chaileag dhan iodhlan, le bonn airgid ’na làimh ’s dheidheadh i trì tursan timcheall aon de na cruachan arbhair. Nan robh i a’ dol a phòsadh, chìtheadh i “a taghadh ’s a roghainn de fhearaibh an domhain” a’ coimhead oirre timcheall na cruaiche.
’S dòcha gum biodh na dòighean seo na bu shoirbheachaile na bhith a’ lorg leannain air-loidhne!
Ma tha thu eòlach air faclan no gnàthsan-cainnt neo-chumanta eile a tha ceangailte ri Oidhche Shamhna, air no cleachdaidhean dualchasach Albannach air Oidhche Shamhna, bhiodh ùidh mhor againn an cluinntinn tro na cunntasan Twitter is Facebook againn: @DASG_Glaschu / facebook.com/DasgGlaschu.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo