Gàidhlig / English
Ball-coise

Ball-coise

Air a sgrìobhadh le Garry air 31 an Cèitean, 2018

An-diugh sa mhadainn, san oifis againn aig Oilthigh Ghlaschu, ’s ann a bha triùir againn a’ bruidhinn mun t-sreath de phrògraman-rèidio, “Sealladh Eile”, a thathar a’ craoladh air BBC Radio nan Gàidheal aig an àm seo.  Anns gach fear de na prògraman seo, bidh an sàr chraoladair, Iain MacIlleMhìcheil, a’ còmhradh ri aoigh sònraichte is a’ cur tòrr cheistean air an duine seo mun obair aigesan is mun bheatha aigesan san fharsaingeachd.  Faisg air deireadh a’ phrògraim, bithear ag iarraidh air an aoigh ainmean nan daoine cliùiteach a bhiodh air aoigheachd aig an aoigh fhèin a thoirt seachad nam biodh esan, no ise, a’ cumail pàrtaidh-dìnneir.

Rè a’ chòmhraidh a bh’ againne, chaidh iomradh a thoirt air iomadh duine, beò no marbh, dham bitheamaid-ne a’ toirt cuireadh nam b’ e ’s gum bitheamaid a’ cumail a leithid de phàrtaidh:  Oliver Reed; Joan Rivers; Aidan Turner; Christina Hendricks; Liv Tyler; is tòrr eile.  Dhòmhsa dheth, feumaidh mi aideachadh, ’s ann a dh’fheumadh co-dhiù aonan de na h-aoighean a bhiodh agamsa a bhith mion-eòlach air cuspair sònraichte air a bheil mi fhìn glè dhèidheil; agus ’s e sin ball-coise.

Ged a b’ ann bhon Bheurla, bho na faclan “foot” agus “ball”, a thàinig ainm an spòrsa seo, ball-coise, dhan Ghàidhlig, a rèir coltais, chan ann an Sasainn a-mhàin ach air feadh an t-saoghail a bhithear a’ cluich “a’ gheama àlainn” a tha seo san latha an-diugh.  Mar eisimpleir, air oidhche Shathairne sa chaidh, ann an Kiev, prìomh-bhaile na h-Ucràine, rinn an sàr chlub Spàinnteach, Real Madrid, a’ chùis air an t-sàr chlub Shasannach, Liverpool, ann an cuairt dheireannach na farpaise Eòrpaich ris an canar sa Bheurla, “the Champions League” (gun asgair air an fhacal “Champions”, feumaidh mi ràdh, gun aonta).  Ach, mas e ball-coise a’ Ghàidhlig a th’ air “football”,  dè a’ Ghàidhlig a bu chòir dhuinn a thoirt air “the Champions League”?

Uill, mar a bhios fios aig mòran dhaoine, b’ ann bhon t-Seann Fhraingis, bhon dearbh fhacal “champion”, a thàinig am facal seo a-steach dhan Bheurla.  Ach, ron sin, b’ ann bhon Laidinn, bhon fhacal “campio”, a thàinig am facal seo a-steach dhan Fhraingis; agus b’ e saighdear a bhiodh na sheasamh leis fhèin an aghaidh eascaraid agus a’ sabaid ris ann an achadh (no “campus”, san Laidinn) a bh’ ann an “campio” (no “champion”, sa Bheurla).  Mar sin, ged a tha mòran fhaclan ann sa Ghàidhlig mar-thà air am faodar am facal “champion” a chur  ---  leithid “laoch” is “sonn” is “curaidh” is “gaisgeach”  ---  ’s ann a bhiodh e freagarrach, nam bheachd-sa, am facal “campasach” a chur air an fhacal seo nuair a bhithear a’ bruidhinn air spòrs san fharsaingeachd is air “the Champions League” gu h-àraidh.  Air an adhbhar seo, ’s e “Lìog nan Campasach” a chuirinn-sa air “the Champions League” ann an cànan nan Gàidheal.
“Seas suas dha na campasaich!  Seas suas dha na campasaich!  Seas suas dha na campasaich!”

“Olé!  Olé, olé, olé!  Olé, olé!”

 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo