- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Cuidheall-Shnìomha
Air a sgrìobhadh le Katie air 24 an Cèitean 2018
Aig aon àm bha ceàird na clòimhe uile-làthaireach anns an dùthaich seo agus mar sin 's beag an t-iongnadh gu bheil cruinneachadh beartach againn de dh’fhaclan mu dheidhinn chaoraich, clòimhe agus snìomh ann an Gàidhlig. Mar shnìomhadair, figheadair is breabadair mi fhèin, tha mise a’ smaoineachadh gu bheil eachdraidh obrach na clòimhe ann an Alba ùidheachail gu dearbh. Airson luchd-ciùird is snìomhadairean mu thimcheall an t-saoghail, ’s e Alba fhathast dachaigh fhàidheanta na cuibhle-shnìomha agus am breacan a bhios i a’ dèanamh.An t-seachdain seo tha mi airson coimhead air làntachd nam facal a tha a’ buntainn ri snìomh air a’ chuibhle. Tha dealbhan mionaideach den chuidheall-shnìomha le mìneachaidhean ann an Dwelly, ach, mar as àbhaist, tha tòrr dual-chainnt is faclan diofraichte anns a’ Ghàidhealtachd agus chaidh iomadach dhaibh a chruinneachadh ann am ‘Faclan bhon t-Sluagh’ le DASG.
Airson na mòrchuid de dhaoine nach fhaca cuidheall-shnìomha a-riamh, thathar a’ smaoineachadh gu bheil an snàth a’ siubhal timcheall na cuibhle mhòr, ach chan eil seo ceart. Leis an fhìrinn innse, tha an roth air a thionndadh le bhith a’ brùthadh sìos air an t-siol-coise. Tha seo a’ tionndadh an t-seic fhad ’s a’ ghluasas am bann mòr mu thimcheall rèime na cuibhle.
Gu inntinneach, ’s e teic/seic cuibhle-shnìomh aon den chiad dealbhan a chì sibh air làrach-lìn DASG. Tha seo clàraichte mar shèicle ann an Uibhist is anns na Hearadh, agus ’s dòcha gur e am pàirt as cudromaiche den chuibhle a tha ann. ’S ann air seo a tha toinneamh na clòimhe cruthaichte agus tha an snàth an uair sin iadhta air an iteachan no piùrna.*
Tha mòran faclan inntinneach eile a’ buntainn ri snìomh. Mar eisimpleir, a’ chuigeal – far a bheil a’ chlòimh no an lìon air a stòradh ron toinneamh. Cuideachd, tha beartas faclan anns a’ Ghàidhlig airson a’ phìos fiodh eadar siol-coise agus roth: slibheag, maide siubhal, claidheamh agus (ainm beagan neònach) an t-amadan.
Mar fhacal mu dheireadh, bidh mi a’ crìochnachadh le abairt airson ‘the hole in the axle through which the unspun wool passes’ – sùil na cuibhle. ’S fheàrr leam fhìn an t-ainm Gàidhlig seo ris an ainm Beurla – ‘orifice’.
Ma tha faclan ùidheachail eile agaibh mu dheidhinn snìomh no a’ chuibhle, leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter!
*Tha an t-ainm ‘pirn’ air a chleachdadh anns a’ Bheurla airson nan iteachan beaga a chleachdas tu airson a bhith a’ fighe an àite snìomh. Chan eil mi a’ creidsinn gu bheil an t-eadar-dhealachadh seo air a dhèanamh anns a’ Ghàidhlig.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo