Gàidhlig / English
Famh

Famh

Air a sgrìobhadh le Calum air 17mh Cèitean, 2018
Ris an fheadhainn a a bhios a’ coiseachd no a’ rothaireachd gu minig bidh sibh a’ faicinn tomagan poll nam Famh agus an-diugh tha mi an dùil beagan a sgrìobhadh air ainmean eile an fhamhair air feadh Alba, agus innsidh mi am mìneachaidhean. Air learngaelic.scot tha liosta fada de dh’ainmean Famhair air a chlàradh:

Famh.

Ath – (Fath)
Famh-ùir – Famh an ùir (Faicibh gu h-àrd).
Famh-shlighe – Famh a bhios a’ fàgail slighe ùir no poll às a dhèidh.
 Famh-thalmhainn – Famh na talmhainn (Ath-thalamhainn, Fath-thalamhainne).

Ùireach – Mar a thathar a’ sgaoileadh ùirsgeul le poll, buachar torrach tha an Fhamh a’ sgaoileadh ùir nuair a tha e a’ fàgail tòrr-faimh.

Polladair – Neach a’ phuill.
 

Nam rannsachadh fhèin air Gàidhlig Siorrachd Pheairt agus Gàidhlig Srath Spè fa leth lorg mi gun robh ainmean airson a’ chreutair gu math eadar-dhealaichte: ann an Siorrachd Pheairt, le Tar- ghnìomhan Comann Gàidhlig Inbhir Nis, earrann XXII 1897-98 – “The peculiarities of Gaelic as spoken in the writer’s district” leis an Urramach Tearlach M. MacDhonnchaidh,  bha iad a’ cleachdadh “Dubh-reabha” (Dubh-reotha, Dubh-threabhadh cuideachd) far a bheil e a’ ciallachadh treabhadair dubh. Anns an tar- ghnìomh LVIX – “Gaelic in Strathspey”, td. 574, air a sgrìobhadh le Niall Griogarach, tha “Dallag” air a clàradh leis an t-seanfhacail “Tha i cho dall ri dallag,” a’ ciallachadh “as blind as a mole”. Tha sin car connspaideach air sgàth ’s gu bheil “Dallag” ann an Tar-ghnìomhan Comann Gàidhlig Inbhir Nis, earrann XXIX-XL - “Some unrecorded words and meanings in the Gaelic of Badenoch” le Ùisdean Barron, a’ ciallachadh “Luch-fheòir, fiolan-feòir, dallag-fheòir, fionnag-feòir” (Shrew). Air learngaelic.scot tha dallag air a mìneachadh; “any blind or weak-sighted creature, often dogfish, doormouse, leech, mole, shrew etc.”
 

Nar “Faclan bhon t-Sluagh” fhèin tha grunn ainmean eile:

Creadh-luch – Luch a tha an sàs leis a’ chriadh san talamh.

Dubh-airneinFamh an airein, neach-treabhadh.

Dubh-mhongach.

Dubh-threabh – (Dubh-reabha, Dubh-threabha,

Famh-mhùgach – An Fhamh dhorch, dhubh no gruamach.

Mòl – buaidh fhacail Bheurla, “Mole”.
 
A thuilleadh air na tha againn mar-thà tha “Caochan” a’ ciallachadh beathach aig nach eil comas fhaicinn: “any blind animal (esp. Mole).” A thaobh fianais na faimh chithear “Dùn-faimhe,” “Dùn-faimh,” “tòrr-faimh,” agus “Famh-tòrr” air cruachan mun cuairt.

Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo