Gàidhlig / English
Reang

Reang

Air a sgrìobhadh le Alasdair air 8 Màrt 2018
A’ togail air brath-bloga Chaluim Dimàirt, is e buadhair clàraichte san Eilean Sgitheanach a th' aig cridhe bratha-bhloga na seachdain-sa: reang ‘straight, slender’.  Chan eil an ceangal eadar seo is brath-bloga Chaluim uile gu lèir follaiseach sa chiad dol a-mach ach thig sin.  Tha Ailig O’Henley ag innse air a’ chlàr Sgitheanach seo gun deach am buadhair reang a thoirt seachad le Mrs Alexander Nicolson and Dr Alistair MacLean à Beàrnasdal.  Cha lorgar reang mar bhuadhair ann am faclair LearnGaelic ach lorgar 'reangach' (‘pertaining to or abounding in spars, rungs or staves; skinny, skeletal’).  Cha lorgar reangach ann am Faclan bhon t-Sluagh an seo aig DASG ach tha corra chlàr eile air an lorgar reang mar ainmear agus an iolra 'reangan'.
 
Tha “reangan stòbhaig” air dà chlàr a bhuineas do Thireadh (an seo agus an seo), ged a chaidh an abairt a thoirt seachad le neach-bratha às Ùig Leòdhais.  Is e iolra a tha seo agus is e ‘ribs’ am facal Beurla a tha ga chur air reangan san t-seagh a leanas: “ribs put between the “urlair”. Laid across the boat, steamed and stood on.”
 
Bha an abairt “tàirnean reang” air a toirt seachad le Ruaraidh Alasdair Ruaidh à Gearradh na Mònadh ann an Uibhist a Deas.  Is e ‘rib’ am facal Beurla a tha ga chur air reang air a’ chlàr seo agus na tàirnean gan cur gu feum a-rithist ann am bàta.
 
Tha “na reangan” (“ribs”) am broinn eathair air clàr eile air a bheil dithis neach-bratha ainmichte: D. Thormoid and Mrs P. MacDonald às a’ Chomraich.
 
Saoil a bheil bun a’ bhuadhair reang san ainmear seo?  An tàinig am buadhair gu bith air sgàth ’s gu bheil reangan bàta dìreach, seang?  A bheil reang ga chur gu feum gu sònraichte agus a-mhàin ann an seagh bàta?  Agus saoil dè na freumhan a th’ aig an ainmear fhèin?  A rèir Alexander Macbain, dh’fhreumhaich an t-ainmear ann am facal Lochlannais, ‘rǫng’, a bha ga chur gu sònraichte air reang luinge.
 
A bheil am buadhair reang agaibh fhèin?  A bheil an t-ainmear reang agaibh?  Cuiribh brath thugainn an seo aig DASG air an làraich-lìn, air Facebook air neo air Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo