Gàidhlig / English
Gaodhachail

Gaodhachail

Air a sgrìobhadh le Calum air 15mh den Mhàrt 2018
A bheil sibh fhèin a’ faireachdainn gu bheil sibh fhèin a’ dèanamh sia nithein aig an aon àm, no a’ dèiligeadh ri cùisean no ag obair gun fhois? Tha facal ann a lorg mi fhìn ann an Seanchas Ìle far a bheilear a’ dèiligeadh ri mòran obrach aig an aon àm: “a’ gaodhachail”...

Nar Corpas fhèin tha mòran fhacal eile a tha, cha mhòr, a’ ciallachadh an aon nì. Ann an Loch Portan, Uibhist a Tuath, tha “Cnaidsaireachd” a’ ciallachadh an dà chuid “doing odd jobs” agus neach a bha an-còmhnaidh ag obair le fiodh mus robh saor na dhreuchd aithnichte anns na h-Eileanan Siar. Tha “Ciofarnadh” à Ghriomasaigh Uibhist a Tuath, a’ ciallachadh “doing odd jobs round the house”: “Cha robh e ach a’ ciofarnadh mun taigh”. Ann an Gearra na Mònadh, Uibhist a Deas, tha “Giofalais” air a mhìneachadh mar “doing odd jobs around the house”.

Abairtean ceangailte le dìcheall: “Tha e ag obair aig peilear a’ bheatha” a’ ciallachadh neach a tha ag obair gu cruaidh agus aig “full-steam”. “’S ann air a tha a’ fìleadh” a’ ciallachadh neach a tha ag obair aig ìre luath agus dìcheallach. Theagamh gum bi sibh cho dìcheallach ’s nach bi sibh a’ cur fuaradh air ur saothair fhèin ’s gum bi sibh ag obair tron oidhche. Ma thathar ag iasgach tron oidhche thathar “a’ fàradh”. Is e “dròbhach na h-oidhche” a theireas iad air neach a bhios ag obair gu dìomhaireach tron oidhche.

Air taobh eile de ghaodhachail agus cnaidsearachd m.s.a.a. tha Dwelly air “Sguidilearachd” a chlàradh, a’ mìneachadh droch shaothair no “dirty work, drudgery”. Tha “Dubh-chosnadh” ceangailte ris a’ ciallachadh saothair chruaidh no dhoirbh, “Drudgery, field-work, working outdoors”; tha e a’ mìneachadh cosnadh trom no cruaidh. Às na Hearadh tha “bràbladh” a thathar a’ cleachdadh ma thathar ag obair ann an dòigh mhì-rianail no mhì-ràmhach.

Nam biodh sibh airson beagan spòrs a ghabhail fhad ’s a tha sibh ag obair tha facal à Hoghagearraidh, Uibhist a Tuath, a tha sgrìobhte mar-thà nar brath-bloga. Tha  scuidsaireachd a’ ciallachadh “messing about”.

Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo