Gàidhlig / English
Liosta-Ainmean-Bàta

Liosta-Ainmean-Bàta

Air a sgrìobhadh le Calum air 6th March 2018

Rinn Ridseard A.V. Cox tar-gnìomh ann an Scottish Gaelic Studies, Earann XXIV, mu ainmean nam bàta eadar-dhealaichte, a’ clàradh tùsan Lochlannais air na diofar ainmean bàta agus an diùbhrasan. Thèid sinn tro feadhainn dhiubh sa bhrath-bhlog seo:
 
  1. Bàta” - am facal as àbhaistiche a th’ againn an-diugh; a rèir Cox tha connspaid air tùs an fhacail chan eil e buileach coltach gur h-ann à Seann Lochlannais a tha e, bho “Bát” ach theagamh gur e buaidh Albais no Beurla a th’ ann.
  2. Bìrlinn” – (Barge, bark of state, galley) theagamh gur ann às an fhacal “Bior-linn” (pool-log) a tha bìrlinn. A rèir Cox ’s ann à Seann Lochlannais, am facal “byrðingr”, a tha am facal gu math coltach ri facal Nirribhis an-diugh “Berling” (“short pole or beam under the hatches of the vessel.”) Thàinig e gu bith sna h-Eileanan Siar le buaidh nan Lochlannach agus an ceàrd a thug iad leotha.
  3. Carbh” – (“ship”, “boat”. [Dwelly – Cairb] Ship, [Gàidhlig na h-Èirinn.] ship, bier, carriage [chan ann san t-seagh a th’ aig carbad]).
  4. Càrbhair” – (boat with grooved planks, à Leòdhas. Henderson - “it is built differently to other boats, for the planks do not overlap but fit closely”). Tha Cox ag aithneachadh gu bheil e coltach ri “carvel, carver” sa Bheurla agus an diùbhras eadar “carvel-built” agus “clinker-built”.
  5. Cnarra” – Seann Lochlannais airson “Ship”.
  6. Geòla” – (“yawl,” “ship’s boat,  small barge,” [Gàidhlig na h-Èireann] “yawl,” “fishing boat”). Tha deasbad mu dheidhinn a’ chànain fhèin ach ’s ann à Lochlainn a tha e, le eisimpleirean mar “Jula” san Nirribhis, “Julla” san t-Suainis agus “Jole” san Dainmhairgis. A rèir tùs an fhacail “Yawl” ’s ann às an Olaind a tha e le “Jol” agus “jollyboat”! Tha am facal “Yole” cumanta ann an Arcaibh a’ ciallachadh “small, undecked sailing ship; gen[erally] wide and shallow in build. It was rigged with two masts – each of which had a fore-and-aft sail, in addition, it had a jib.”
  7. Sgoth – (“boat,” “skiff,” “large winter fishing-boat,” “yacht”;... “boat with stem and stern vertical” [Dwelly]). Tha tùsan Lochlannais aice, le “Skúta” ann an Seann Lochlannais a’ ciallachadh “cutter or small craft” agus ’s e “Skuda/skude” a th’ aca ann an Danmhairgis.

Tha “Coit ann cuideachd a tha cumanta ann an Ros an Ear agus taobh Uisge Spè, ’s mar sin tha “Coit Ghartain” na bhaile taobh Uisge Spè. Tha e a’ ciallachadh “Cat, cot, Cargo Boat”.

Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu

 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
  • Iain MacIlleChiar

    Tha seòrsa de chuimhne agam gun do leugh mi an àiteigin gur e a bha ann an 'coit'an toiseach ach bàta a bha air a chladhach slàn às an aon chraoibh, mar a gheibhear corr'uair air a thìodhlacadh ann an abhainn, loch no boglach. Ach dh'fhaodainn a bhith ceàrr.
    Nuair a bha mi ann an Dùthaich MhicAoidh, ged a b'aithne dhaibh am facal 'bàta', cha chanadh duine sam bith e. 'S e 'culaidh'a bha aca.

    2018-03-06 11:27:13