Gàidhlig / English
Ceàrdaman

Ceàrdaman

Air a sgrìobhadh le Tòmas air 22 Gearran 2018

Tha fìor bheairteas de bhriathrachas bho dhiofar dhualchainntean ann am Faclan bhon t-Sluagh.  Seo agaibh dòrlach de dh’fhaclan is abairtean Ìleach mu fhrìdean is ainmhidhean eile.

A rèir fiosraiche à Bogh Mòr, ’s e ‘béisteag’ a th’ air boiteag no cnuimh-thalmhainn. Chan e ‘corra-chòsag’ a th’ ann ach ‘a’ chailleach cheòsach’, agus tha sin a' faireachdainn eadar-dhealaichte.

Bha grunn fhaclan aca a tha cumanta air feadh na Gàidhealtachd, m.e. ‘seangan’, ‘tarbh-nathrach’, ‘seilcheag’ is eile. Ach an cuala tu riamh mu cheàrdaman? ’S e th’ ann an sin cuileag mhath reamhar a bhios a’ tathaich na sitig!  Bha fiù ’s abairt sgaiteach aig neach eile à Bun Othann mu dheidhinn:
 
‘’S àrd a sheòlas an ceàrdaman ach is ann anns an t-salachair a thuiteas e’.

’S e ‘an cracair’ [kɾɑxkɑɾ] a bha aig an fhiosraiche à Bogh Mòr air leumadair-feòir no ‘cricket’ - nach e sin a tha snog?

Agus, tha iomadach facal aig na Gàidheil air cuid de fhrìdean. ’S e an damhan-allaidh a chanas mòran, ach canaidh feadhainn eile ‘poca-salainn’ no ‘poca-puinnsein’ ris an aon rud. ’S e ‘fitheadair’ a bha aig an Ìleach. Nuair a thig e chun na gobhlaig, no an ‘earwig’, tha pailteas de dh’fhaclan dualchainnteach oirre.  Ann am Bogh Mòr, ’s e an ‘daolag-lìn’ a bha aca.

Am measg chreutairean eile, bha an dearc luachrachri lorg ann am Bun Othann air laghairt, no ‘lizard’. Mar as trice, ’s e ‘sùlaire’ a tha aig daoine air ‘gannet’ - a tha, san dol seachad, coltach ris an Innis Tìleis ‘súla’.  Ann an Ìle, agus mu dheas,  ’s e am facal ‘amsan [/ãũmsan/] a bha aca. Tha seo a’ togail ceann ann an abairt a thuirt iasgair nuair a chuala e gun robh saothraichean-fearainn a’ faighinn bàta:

‘Tha na h-amsain dol do’n mhonadh agus na coilich dhubha dol do’n chuan’.
 
Bheil facal Ìleach agad fhèin air biastan, biodh iad beag no mòr? Cuiribh thugainn iad.

Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo