- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Pioghaid
Air a sgrìobhadh le Calum air 11mh am Faoilleach 2018
Gach madainn bidh mise a’ coiseachd air a’ phàirc a’ faicinn tuilleadh na seachdar pioghaidean air na raointean agus bràigheachan agus tha seo a’ cur nam cuimhne rann a dh’ionnsaich mi bho Àdhamh Ó Broin aig ceann-seachdaine Gàidhlig Earra-Ghàidheil ann an Achadh an Droighinn. Tha sinn eòlach air...“One for sorrow, two for joy...” m.s.a.a.
Ach sa Ghàidhlig tha e eadar-dhealaichte, seo a sgrìobh e fhèin ann an Gàidhlig Chomhghaill:
“Chunnaig mi pìoghaid ’as dh’éirich leam
Chunnaig mi dhà ’s gum b’ iargan ead
Chunnaig mi trì ’as b’ aighearach mi
Ach ceithear ri m’ linn chan iarrainn ead”
(I saw a magpie and I prospered
I saw two and they (brought) sorrow
I saw three and I was joyful
But four, lifelong I'd want them not)
Fiosrachadh a bharrachd air cleachdaidhean an fhacail: Anns na h-Eileanan Siar tha Pioghaid a’ ciallachadh an dà chuid “Magpie” agus “Talkative girl” (“Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay”). Nar Corpas fhèin ’s ann à Suaineabost, Leòdhas a thàinig a’ chriomag seo: “Pioghaid gun nàire nach teid tàmh air a bial”, a’ ciallachadh “te bhriathrach, chabach”.
Air an tìr mhòr ann an Ros an Iar tha “Pigheáid” agus “Pritheáid” aca. Tha Allt na Pritheáid os cionn Eàrradal a Deas, a’ sruthadh à Loch Clàr, agus tha Roy Wentworth ag aithneachadh na fhaclair “The specific was actually explained to me as meaning “of the parrot”, but one feels that perhaps “of the magpie” would be more likely.”
A’ leantail air adhairt gu Srath Spè, ann an aithris a sgrìobh Seumas Grannd ann an Tar-Ghnìomhan Chomann Gàidhlig Inbhir Nis, ’s e Pioghaid-mara a thathar ag ràdh an àite gille-brìghde no trìlleachan air sgàth ’s gu bheil iad coltach ri chèile ann an coltas.
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo