- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
An Aidbhein
Air a sgrìobhadh le Garry air 7 an Dùbhlachd, 2017
Mar a tha làn-fhios aig a h-uile pàiste agus a h-uile pàrant, ’s ann a tha sinn a’ teannadh dlùth a-nis
air Latha na Nollaige, an latha den bhliadhna air am bi na balaich agus na nigheannan a tha air a
bhith math air feadh na bliadhna a’ faighinn preusant no dhà (no trì no ceithir!) bho “Bhodach na
Nollaige”.
A rèir an traidisein anns na dùthchannan siarach, ’s ann air Naomh Neacal a tha “Bodach na
Nollaige” air ainmeachadh; agus b’ ann an-dè, air an t-siathamh latha den Dùbhlachd, a chaidh Latha
Fèill Naoimh Neacail a chumail anns an Eaglais an Iar. Ach, ann an cuid de dhùthchannan, an àite a
bhith a’ toirt seachad phreusantan air Latha na Nollaige, ’s ann air Oidhche Fhèill Neacail — an
oidhche ro fhèill an naoimh — a thèid an toirt seachad. Co-dhiù no co-dheth, ’s ann a bhitheas na
preusantan a’ tighinn.
Ach, chan e “tighinn nam preusantan” as adhbhar dha ainm an t-seusain a bheir an Eaglais air an àm
seo den bhliadhna: an Aidbhein. Bhon ainmear Laidinneach, adventus, agus, ron sin, bhon
ghnìomhair Laidinneach, advenīre, ’s e am facal “Aidbhein” a bhithear a’ cleachdadh anns an Eaglais
gach bliadhna gus a bhith a’ nochdadh gur e breith Ìosa Chrìosda a tha a’ tighinn. Agus math
dh’fhaodte gur e an naidheachd seo am preusant as motha a gheibh duine sam bith gu bràth?
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo