- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Speil
Air a sgrìobhadh le Alasdair air 16 Samhain 2017
Tha corra cho-litreachan clàraichte ann am Faclan bhon t-Sluagh fon cheann-fhacal seo. Mar thoiseach-tòiseachaidh, is e “a spell” am mìneachadh Beurla a tha ga thoirt seachad air speil air clàr a bhuineas do Bharbhas ann an Leòdhas. Faodar seo a choimeas ri speil “taking a turn at anything” air clàr-fhaclan às Uibhist a Deas leis an Urr. Angus MacDonald D.D. Chaidh seagh eile a chlàradh san Northern Chronicle ann an 1928. Air a’ chlàr seo, is e tionndadh air spealg a th’ ann an speil agus “thin cut of wood” ga chur air sa Bheurla san t-seagh seo. Is ann leis an t-Siorram MacMhaighstir Caimbeul a tha an clàr seo, fear a thug a ainm do chuach a bhios ga toirt seachad do chòisirean dùthchail aig a’ Mhòd mhòr. Tha speil cuideachd ri lorg ann an ainm geama a chaidh a chlàradh aig neach-bratha às Ùig Leòdhais. Is e geama le caman is ball a bhiodh aca a-muigh a th’ ann an dogan speil, a rèir a’ chlàir seo.Tha ùidh shònraichte agamsa sa chòigeamh toradh a nochdas do speil ann am Faclan bhon t-Sluagh. Is e “flock of birds” a tha ga chur air an speil seo, mar a thugadh am facal seachad do dh’Ailig O’Henley le neach-bratha à Taobh a Deas Loch Baghasdail. Tha freumhan domhain aig an t-seagh seo a rèir choltais agus speil “cattle, flock, herd” air a chlàradh san t-Seann-Ghàidhlig (dil.ie/38590). Chan fhaighear lorg air an fhacal seo ach gu h-ainneamh ann an Gàidhlig na h-Èireann, a rèir T. F. O’Rahilly san alt a tha air ainmeachadh fon cheann-fhacal speil air eDIL, ach tha mise an amharas gu bheil speil san t-seagh ‘flock’ aig bun ainm locha ann am Muile. Tha ainm an locha seo, ainm air an d’ rinn mi sgrùdadh mionaideach bho chionn ghoirid an seo aig Oilthigh Ghlaschu, ri lorg ann an Corpas na Gàidhlig. Is e “Lochspeilbh” a th’ aig an sgrìobhadair Mhuileach Iain MacPhàidein air ann an An t-Eileanach.
A bheil am facal speil agaibhse? Ma tha, cuiribh brath thugainn air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo