Gàidhlig / English
Tearraideachadh

Tearraideachadh

Air a sgrìobhadh le Garry air 19 an Dàmhair, 2017
B’ ann an Tarasaigh ann an 1917 a rugadh Cailein T. MacCoinnich agus, às dèidh dha ceum a thoirt a-mach bho Oilthigh Chill Rìmhinn, bha e na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba airson a’ chòrr de a bheatha.  Measail air bàrdachd agus rosg, choisinn e Crùn a’ Bhàird aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 1952; agus dh’fhàg e againn aon nobhail ghoirid (A’ Leth Eile, 1971) is trì cho-chruinneachaidhean de sgeulachdan goirid (Oirthir Tìm, 1969; Mar Sgeul a Dh’innseas Neach, 1971; is Nach Neònach Sin, 1973), a bharrachd air caochladh phìosan a chaidh fhoillseachadh thar nam bliadhnachan anns an iris, Gairm.

Anns an sgeulachd ghoirid aige, “Crudha Eich”, a nochd ann an Gairm (Àireamh 59) as t-samhradh, 1967, chaidh duine a mharbhadh, ach, am b’ e tubaist no murt a bh’ ann, b’ e seo a’ cheist.  Ann a bhith a’ rannsachadh na ceiste seo, ’s e seo a rinn fear de na caractaran anns an stòiridh seo:

            “Rug e air a’ phìob, ’s rinn e tearraideachadh oirre ...” (t.d. 217).

Ach, dè a th’ ann an tearraideachadh?  Uill, ’s e seòrsa de sgrùdadh mionaideach a th’ ann, agus, cho fad’ ’s as aithne dhuinn, gu ruige seo, b’ e Cailein T. MacCoinnich an t-aon ùghdar leis an deach am facal seo a chleachdadh.  Ge-tà, leis gun do chleachd e ann an sgeulachd eile e (ann an “Sop ás Gach Seid”; Nach Neònach Sin, 1973), feumaidh nach e hapax legomenon a th’ ann.
Anns an fhaclair mhòr aig Dwelly, tha am facal tearraideachd ann, bho na faclan earraideachd agus earraid, a rèir choltais.  An ann bho na faclan seo a fhuair sinn facal na seachdaine seo?
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo