Gàidhlig / English
Deoch-Maidne

Deoch-Maidne

Air a sgrìobhadh le Calum air 12mh an Dàmhair 2017
Deoch-Maidne

Mar a tha fios againn uile, ’s e uisge-beatha an deoch nàiseanta na h-Alba, agus tha seo fìor air feadh an t-saoghail. Mar a bhios fios agaibh mu thràth ’s e “uisge-beatha” an t-ainm as eòlaiche, ainm ag aithneachadh a fheartan beòthachaidh, ach tha na Gàidheil  air a bhith gu math cruthachail agus cleasach le a ainmean agus a chleachdaidhean. Tha an “deoch-maidne” na fhear air a chruthachadh dheth.

Tha deoch-maidne air a mìneachadh le Dwelly mar:
“The morning drink among the better class Gaelic of old, being an egg switched in a glass of milk with a little whisky added” – Gael. Soc. Inv. Xiv, p.147

Tha seo ceangailte gu ìre agus coltach ri “briuthas”, deoch air a dèanamh le coirce, mil agus bainne le tomhas uisge-beatha ann air a cumail ann an soitheach no gloinne airson là blàth, mar eisimpleir. Tha an deoch air aithneachadh leis an fhìdhlear traidiseanta à Siorrachd Pheairt, Niall Gobhach, agus a phort “Atholl brose”, deoch a dh’fhaodadh e a bhith dèidheil air! Tha seo gu math coltach ri Crannachan ann an iomadh dòigh.
 
Air an taobh eile, ’tha na “Ceithir Deochan-Maidne” nan eisimpleirean eile de ghaol nan Gàidheal air Uisge-beatha, a rèir sgoilear agus neach-rannsachaidh na Gàidhlig Mìcheal Newton na leabhar “The Naughty Little Book of Gaelic”. Dh’fhaodadh Gàidheal am madainn a thòiseachadh anns an dòigh a leanas:

Sgailc-nid - Té a ghabhailear nuair a bhathar nan dùisgeadh bhon chadail agus a’ sìneadh gus drama a ghabhail.
Friochd-uilinn – Té a ghabhailear nuair a bhathar a’ suidhe an-aird a-mach às an leabaidh agus a’dul a dh’éirigh beag air bheag.
Deòch cas rùisgte – Té nuair a bhathar ag éideadh agus gan ullachadh fhéin.
Deòch bhleith – Drama a ghabhailear nuair a bhathar ag ullachadh an lite.
 
Caran eadar-dhealaichte ach tàbhachdach a dh’aindeoin chùis! Cho fhad ’s a tha “Sober October” a’ ruith, cuiridh mi casg orm an ceart uair!
Nach cuir sibh fios thugainn le seann-cleachdaidhean eile no deochan buinte le Uisge-beatha air facebook, twitter no anns an roinn-teachdaireachd fodha.
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo