Gàidhlig / English
Tanalach

Tanalach

Air a sgrìobhadh le Tòmas air 14 An t-Sultain 2017

Tha tanalach — uaireannan tanalachd — na uisge staoin, eu-domhain no tana.

Dh’fhaodadh e a bhith air a chleachdadh mar thuairisgeul air fearann eu-domhainn cuideachd, can nuair a bhite a’ treabhadh, mar a dh’innis Ìleach (agus a bhiodh ga fhuaimneachadh [ən̪t̪ɛ̃ṉəɫɑx]).

A’ bruidhinn mun mhuir, canaidh sinn mu bhith ‘anns an doimhneachd’ ach ‘air an tanalach’.

Seo mar a nochd am facal ann an sgeulachd a bha aig Gilleasbuig MacCoinnich à Cùil Eilein Nollaig, Ceap Breatainn:

Mu leth mìle a mach on chladach bha tanalach air nach robh a bheag de uisge. Chunnaic sinn long mhór a ruith ro’n t-soirbheas agus a’ stiùireadh dìreach air an tanalach. ‘Có an t-amadan a tha na cheannard air an iùraich ud?’ arsa m’ athair.’ ‘Tha e dol ga cur ann an leaba às nach toir esan i.’ Mar a thuirt b’ fhìor. Ghabh a long suas air an tanalaich ’s cha mhór nach do bhrist na cruinn dhi. Leag iad no siùil ’s dh’fhiach iad gach innleachd a bha na’n comas gus a toirt far na tanalach ach cha ghluaiseadh an iùrach.


Anns a’ Ghàidhlig Èireannaich is ionnann ‘tanaí’ agus tanalach. Gheibhear an abairt ‘Tá tú ag rith ar thanaí’, no mar a b’ urrainnear a ràdh ann am Beurla, ‘you are on thin ice’.

Gu dearbh, ’s è tanalach a bha aig Sgitheanach air deigh thana fhèin. Ach cha d’ fhuair mi lorg air an fhacal ann an gnàthas-cainnt den aon seòrsa. [*]

’S ann air tanalach na mara a bhiodh daoine a’ buain feamainn agus iomadh seòrsa maoraich.

Tha am facal ‘oitir’ gu math faisg air: dh’fhaodadh e bhith na ‘thanalach a bhios ris, ri tràigh’, no na àite iasgaich staoin — eu-coltach ri ‘cuan’, a tha na àite iasgaich domhain (a rèir Mhaighstir Ailein).

B’ urrainnear deagh bhiadh a thrusadh ann an oitir-shrùban, oitir-mhuirsgean, agus oitir-shìolag. Ach san àite mu dheireadh, nam biodh tu gu math mì-fhortanach ’s dòcha gun tachradh tarbh-shìolag riut.

’S e iasg beag a tha seo a tha cuideachd air ainmeachadh am ‘bioran deamhnaidh’ agus an ‘nàthair-ghainmhich’. Tha biorain phuinnseanta air a mhuin, agus a rèir coltais ma thèid do ghuineadh leis tha am pian doirbh a chur ann am faclan.

Tha an tarbh-shìolag air a dhòigh ghlan sa ghainmhich air an tanalach. [**]
 

[*] ’S e bha aig Roy Wentworth ann am Faclan is Abairtean à Ros an Iar: ‘You’re going on thin ice, boy, tha thu ruith air deibh, a bhalaich’.
[**] Barrachd comhairle mun iasg dheamhnaidh an seo bho Dhualchas Nàdair na h-Alba. 

Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo